Seòras Santayana
Seòras Santayana – Feallsanach agus Bàrd (1863-1952)
Rugadh Santayana ann am Madrid, ach fhuair e a àrach òg ann an Ávila, baile na mna crabhaich iomraiteiche Teresa de Jesús. Aig a bhaisteadh fhuair e an t-ainm Jorge Agustín Ruíz de Santayana y Borrás, ach tha e nas aithnichte an diugh mar fheallsanach, bhàrd agus sgrìobhadair fon ainm Beurla George Santayana. Bha a mhàthair pòsta aig George Sturgis, marsanta bho Bhoston, agus fhuirich i anns a’ bhaile sin gu bàs a fir ann an 1857. Ann an 1861 thill i agus a cloinn do Mhadrid, far a phòs i sean charaid dan ainm Agustín Santayana. Ghabh an teaghlach còmhnaidh ann an Madrid agus Ávila, ach ann an 1869 chaidh màthair Sheòrais agus a triùir cloinne le Sturgis air ais do Bhoston. Lean Agustín agus Seòras i ann an 1872, ach a chionn ‘s nach do chord Boston ris, thill a na aonar a dh’ Ávila, far a dh’ fhuirich e fad a bheatha an dèidh sin. Chaidh Seòras a dh’ Oilthigh Harvard, agus ann an 1886 chuir e seachad àireamh bhliadhna ann am Berlin, far a sgrìobh e tràchtas. Ged a chùm Santayana a nàiseantach Spàinnteach fad a bheatha , sgrìobh e a leabhraichean anns a’ Bheurla, oir is ann ‘s na Stàitean Aonaichte a dh’ thuinich agus a dh’ oibrich e gus a’ bhliadhna 1912, nuair a leig e dheth a dhreuchd agus chaidh e a dh’ fhuirich anns an Roinn-Eòrpa (Ávila, Paris agus Àth an Dàimh (Oxford). Mu dheireadh, rinn e imrich don Ròimh, far an do chaochail e ann an 1952. Rè a dhà fhichead bliadhna anns an Roinn-Eòrpa sgrìobh e naoi leabhraichean deug. Cha do phòs e riamh.
A-measg a bhàrdachd, tha a dhàn fada Odes (5 earrannan agus 43 rann ) gu h-àraid sgoinneil, domhainn, feallsanachail. Chaidh eadar-theangachadh Gàidhlig de Odes foillseachadh ann an GAIRM, Àireamh 109 (An Geamhradh 1979-80). Seo cuid de na rainn às an eadar-theangachadh Gàidhlig:
Dàin
II
(”My heart rebels against this generation”)
- Tha dubh-ghràin agam do mo linn ‘s mo chinneadh
- A mholas saorsa, ach na thràill don t-saibhreas,
- ‘S a triall gach là fo uallach an-uasal,
- Mòr as a mhàireach.
- Gun àit’ son tàmh tràth-nòin no faire-oidhche.
- Gun tlachd fo nèamhan ann an deò na beatha!
- Truagh iad fhèin, càrnaidh iad maoin is sealbh,
- Sanntach air buannach
.
III
(“Gathering the echoes of forgotten wisdom”)
- ‘Trusadh mac-talla gliocais air dhì-chuimhne,
- ‘S èignicht’ le rùn sàr-euchdach, dàna, uaibhreach,
- Dh’iarr Columbus oirthir òr nan Innsean
- Fa chomhair Roinn-Eòrpa.
- Thug e don t-saoghal saoghal eile, ‘s lèir-sgrios
- Do thìrean neo-chiontach, sruth-ghràdhach, sàmhach,
- Mhallaich e ‘n Spàinn le seasg-òr, is do Pheadair
- Ghèill e na h-Andes.
- Dè ‘nis an t-euchd a dh’fhàg thu dhuinn, Cholumbuis?
- Ciod e an t-urram do do shliochd, Mhagellain?
- Gach là nì daoine saibhir cuairt an t-saoghail
- Air son dibhearsain.
- Agus dè‘m math a th’againn o bhur cunnart?
- Talamh nas lugha ‘s dùil nas lugh’ ri flaitheas,
- Lùghdaich sibh luach òir, ‘s a’ tromhas cuain,
- Chunnt sibh na h-innsean.
V
(“Of thee the Northman by his beachèd galley”)
- Chunnaic an Lochlannach ri taobh a bhìrlinn
- Thus’ ann an aisling, ‘Mhuir-na-meadhan-tìre,
- Fon fhuar Chrann-arain, agus e ag iondrainn
- Samhraidh is solais.
...............................
- Thusa, neo-challaicht’, deònach air bhith callaicht’,
- Thagair an Ròimh thu gus an deach’ i sgriosadh,
- Agus a-nis tha’n Sasunnach gad coimhead,
- Seasmhach is uasal.
- Ach ‘s coma dhuit, cho fad ‘s nach reòdh an geamhradh
- Na fuarain agad, is nach tachd Sahàra
- Le gainneich uabhasach do long-phuirt shìtheil
- Dionta le creagan.
- Suarach dhuit co shaltaireas do chòrsa:
- Coma dhomh cuideachd, ‘s mi bho àrd-ros fraochach,
- Cùbhraidh, ag amharc air do bhoidhcheid shìorraidh,
- Sòlas nan daoine.
[deasaich] Iomradh
- Gheibhear an duan iomlan ann an GAIRM Àireamh 109.
