San Sebastián de La Gomera

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
San Sebastián de La Gomera

Tha San Sebastián de la Gomera na phrìomh-bhaile La Gomera, fear de na h-Eileanan Canàrach. 'S e am baile as motha an eilein, suidhichte air cladach san àird an ear-thuath an eilein.

Tha San Sebastián de la Gomera cho farsaing ri 113,59 cilemeatair ceàrnagach. Anns a' bhliadhna 2006 bha 8.451 duine de shluagh ann, le dluths aig àireamh 74,4 duine gach km².

Rinn Cristoforo Colombo an stad mu dheireadh an seo mus an do thòisich e an siubhal chun nan Innseachan 6mh an t-Sultain, 1492; an siubhal far an do lorg e Aimearaga.