Salm 45

O Uicipeid

An còigeamh salm thairis air an dà fhichead.

'S e aon de na sailm rìoghail a th’ anns a’ chòigeamh salm thairis air an dà fhichead. 'S ann a’ dèiligeadh ri dòigh beatha rìghrean a tha e agus tha e soilleir gu bheil nàdar saoghalta ri fhaicinn tron t-salm. Tha a chiad chun an còigeamh rann a’ dèiligeadh ris a chuspair gaol, ged nach eile an t-salmadair ag ainmeachadh co ris a tha e sgrìobhadh mu dhèidhinn. Tha dreach spioradail air na facail agus iad a’ tighinn bho fhear a bha ag obair sa chùirt rìoghail, agus tha e ri fhaicinn gu robh na bha tachairt mun cuairt air a’ toirt buaidh air.

Chan eil dòigh ann air aithneachadh cò an rìgh no cuin a chaidh seo a sgrìobhadh, ach ghabh na h-Iùdhaich ris anns na linntean a lean mar phìos a bha ag aithris air tighinn an t-Slànaighear agus chum na ciad sgrìobhadairean Chrìosdaidh ris a’ bheachd-sa.

Na mholadh gu mòr, tha an sgrìobhadair a’ toirt dealbh air an rìgh mar shàr-shaighdear, fear a tha eireachdail na choltas, ceart na chreideamh, gu tur rìoghail na chuid aodaich agus na chùirt. Tha an t-ùghdar dha àrdachadh agus dha ainmeachadh mar Dhia – ach aig a’ cheart àm ag innse gu bheil e dealaichte bho Dhia. Tha na sgrìobh e air inbhe a chosnadh do Mhic Dhè mar fhear le cumhachd daoine a shàbhaladh.

Tha an t-salm a’ cleachdadh ìomhaigh banais rìoghail airson aithris air an càirdeas eadar an rìgh agus an t-sluagh. Tha a’ bhanais air a cleachdadh mar eisimpleir de latha ùr agus a bhean ag aontachadh ri tighearnachd a cèile, agus ri linn thànaig glòir tro iomadh mac.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]