Sabhal Mòr Ostaig

O Uicipeid
Sabhal Mòr Ostaig
Stèidhichte 1973
Suidheachadh Slèite san Eilean Sgitheanach
Cànan Gàidhlig
Làrach-lìn http://smo.uhi.ac.uk/
An t-Seann Togalach aig Àrainn Ostaig
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Is e Sabhal Mòr Ostaig colaiste Ghàidhlig na h-Alba, is e na ionad nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig, stèidhichte ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Aig a' cholaiste, tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhainn chùrsaichean làn-tìde tro mheadhan na Gàidhlig suas gu ìre ceum le urram, cho math ri ceum maighstireachd agus dotaireachd, tro Sgeama na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Gabhaidh na cùrsaichean sin a dhèanamh pàirt-ùine air astar cuideachd, agus am measg nan cùrsaichean eile air astar tha an Cùrsa Inntrigidh airson luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig, an Cùrsa Adhartais a tha aig ìre a' chiad bliadhna oilthigh, agus MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na h-Alba.

Tha iomadh phròiseact eile stèidhte air làraich na Colaiste: an companaidh foillseachaidh Cànan; am pròiseact rannsachaidh Soillse; Faclair na Gàidhlig; Ainmean Àite na h-Alba; stiùidio telebhisein. Chuidich SMO ri Ionad Chaluim Chille Ìle a chur air chois agus tha ceanglaichean làidir eadar na colaistean.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'fhosgail Sabhal Mòr Ostaig ann an 1973, ann an seann toglaichean tuathanais aig Ostaig ann an Slèite. B' e am prìomh amas leabharlann Gàidhlig a chur air bhonn, ach bha colaiste Ghàidhlig cuideachd san amharc, airson foghlam adhartach agus dreuchdail a thabhainn do luchd-labhairt na Gàidhlig. Bha barrachd is barrachd luchd-ionnsachaidh a' togail ùidh anns a' chànan agus bhiodh cothroman ionnsachaidh ann dhaibhsan cuideachd.

Thòisich a' Cholaiste a' tabhann sgoiltean samhraidh is chlasaichean oidhche sa Ghàidhlig, agus ann an 1983 bha Sabhal Mòr Ostaig deiseil gus a' chiad chùrsa adhartach làn-thìde a thabhann. Chaidh Sabhal Mòr Ostaig sa bhliadhna 1997 'na com-pàirtiche acadaimigeach ann an Institiud OGE na Mìle Bliadhna, agus chinnidh e siud 'na Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean sa bhliadhna 2011.

Bhon chaidh a stèidheachadh, tha Sabhal Mòr air a bhith uabhasach cudromach ann an ath-bheòthachadh cànanach agus cultarail na Gàidhlig ann an Alba. A-nis, tha cliù eadar-nàiseanta aig a' Cholaiste:

  • airson sgrùdadh eachdraidh agus litreachas na Gàidhealtachd, an dà chuid sna h-amannan a dh'fhalbh agus san latha an-diugh;
  • airson rannsachaidh air a' phoileataigs agus air an fhoghlam a tha ceangailte ri ath-bheòthachadh mion-chànain, cho math ris an fhoghlam a bu chòir a bhith an lùib;
  • agus airson a bhith an sàs ann an ealainean cruthachail na Gàidhlig, cho math ris na meadhanan craolaidh agus air-loidhne.

Am measg seòrsaichean eile rannsachaidh anns a bheil Sabhal Mòr an sàs, stèidhichear corra chuspair air an àrainn fhèin: sòiseo-chànanachas ann an iomairt Soillse; planadh corpais agus faclaireachd eachdraidheil ann an Stòrdata Nàiseanta na Gàidhlig agus Faclair na Gàidhlig; agus sgrùdadh air ainmean-àite ann an Àinmean-Àite na h-Alba. ’S e goireas air leth taiceil dhan rannsachadh seo a th’ ann an Leabharlann na colaiste, anns am faicear cruinneachaidhean le cliù eadar-nàiseanta, air chuspairean ceangailte ris a’ Ghàidhlig agus ris a’ Ghàidhealtachd. Cuiridh dà thasg-lann eile ris a’ ghoireas seo: lorgar cruinneachadh Clann Dhòmhnaill ann an Taigh-Tasgaidh nan Eilean ann an Caisteal Armadal a tha faisg air làimh; agus pàipearan MhicLeòid ann an Caisteal Dhùn Bheagain, nach eil fad air falbh. Tro cho-obrachadh acadaimigeach agus iomlaidean oileanach, chumar dlùth cheanglaichean ri oilthighean eile ann an Alba, ann an Èirinn, anns a’ Chuimrigh agus ann an Alba Nuadh.

Thòisich Òraid an t-Sabhail sa bhliadhna 1990, agus tha i air a bhith a’ leantainn cha mhór gach bliadhna bhon uair sin.

Àrainnean[deasaich | deasaich an tùs]

Mapa de Sabhal Mòr Ostaig

Àrainn Ostaig[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann an seo a chaidh a' Cholaiste a stèidheachadh an toiseach, ann an Seann Togalach aiteachais a chaidh an togail timcheall air a’ bhliadhna 1827, le fear Màidsear Ailean MacDhòmhnaill (Baile Fhionnlaigh agus Bhatarnais) a bha air tilleadh bho chogadh Napoleon.[1] Tha an An Talla Mòr ann, talla a thathar a’ cleachdadh airson céilidhean, cuirmean-ciùil agus dannsaichean. Anns a' bhliadhna 1993, chaidh cur ris a' chiad toglach cloiche seo, le àitichean-fuirich, oifisean agus seòmraichean teagaisg.

Bidh togalach ùr deiseal ann an 2015, agus is e an t-ainm Ionad Iain Nobail a théid a chur air. Bidh seòmraichean teagaisg, oifisean luchd-teagaisg, agus na h-oifisean ionmhais agus stiùiridh ann

Àrainn Chaluim Chille[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Àrainn Chaluim Chille fhosgladh ann an 1999, is i a' leudachadh ghoireasan na Colaiste gu mòr le trì toglaichean: am Prìomh Thogalach; a' Cheàrnag le seòmraichean-cadail; agus an Tùr le seòmraichean-cadail.

Chaidh an togalach ùr Fàs fhosgladh gu h-oifigeil ann an 2008. Tha stiùidio telebhisean ann, ionad cùraim-chloinne (Fàs Mòr), an roinn Foghlam Fad-beatha aig SMO, an companaidh Cànan, am pròiseact Soillse, Faclair na Gàidhlig, Ainmean-Àite na h-Alba agus an companaidh telebhisein Sealladh.

Cùrsaichean Làn-thìde[deasaich | deasaich an tùs]

  • CertHE An Cùrsa Comais
  • CertHE Gàidhlig is Conaltradh
  • DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte
  • BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta
  • BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig
  • BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh
  • BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan
  • MA (le Urram) Gàidhlig le Foghlam
  • BSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na h-Alba
  • Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig

Muinntir an t-Sabhail[deasaich | deasaich an tùs]

Buidhnean a tha stèidhte aig Sabhal Mòr Ostaig[deasaich | deasaich an tùs]

Feadhainn a chaidh à bith[deasaich | deasaich an tùs]

  • Tosg - companaidh dràma
  • Ionad Nàiseanta na h-Imrich
  • Lèirsinn - companaidh rannsachaidh sòisealta agus luchd-amhairc telebhisein

Eachdraidh - Clachan-mìle[deasaich | deasaich an tùs]

  • 1973 A’ Cholaiste air a stéidheachadh
  • 1983 A’ chiad chùrsa làn-thìde
  • 1993 Togalach ùr Àrainn Ostaig air fhosgladh
  • 1998 Cùrsaichean ceuma
  • 2002 Duais na Banrigh
  • 2008 Togalach Fàs air fhosgladh
  • 2015 Ionad Iain Nobail crìochnaichte

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Fiosrachadh bhon Phroif. Ùisdean Cheape, SMO

Ceangal a-mach[deasaich | deasaich an tùs]