SS Great Western

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
SS Great Western

Is e a bha anns an Great Western a chaidh air bochd an 1837, a' chiad long-smuid a chaidh air togail le amas a ruith seirbhis leantainneach thar a' Chuan Siar.

B' e an t-innleadair Isambard Kingdom Brunel a dhealbh i.

Bha an Great Western 212 troigh anns an fhad agus 35 troigh anns an leathad. Bha a meud riomhairichte, a ghiùlain gual gu leòr a dhol thar a' Chuain Siar fo chumhachd-smùid a-mhàin.

Thogadh i aig Bristol. Bha slige fiodh aice agus bha i uidheamaichte le cuibhlicean-uisge iomanaichte le innealan de 440 Cumhachd-Eich. Bha innealan taobh-luamhanachd aice, eagar de inneal-sàil leasaichte a bha freagarrach ri bàtaichean-smuid.

Prionnsabal Bhruneil[deasaich | edit source]

Nuair a bhitheas long a' siubhal tro uisge, bithidh uisge a suathadh seachad air a slige agus cuiridh an suathadh sin forsa bacaidh orra. Mar sin feumaidh do a cuid innealan, neo a cuid seòil a bhith còmhnaidh ag obair a bhith ga cumail a' dol. Mas e bàta-smùid a tha innte losgaidh i connadh fad 's a tha a h-innealan ag obair.

Bha Brunel air aithneachadh, gu bheil bacadh air long bho suathadh an uisge a rèir farsuinnead den slige a tha ri aghaidh an uisge. An co-mheas le seo, tha an cuideam connaidh a ghiùlanas i a rèir "tomhas-lìonaidh an t-slige". Mar sin, airson slige de cruth sam bith, bithidh bacadh a rèir meud cearnaichte ach bithidh comas a ghiùlan connadh (agus mar sin lùths a dh'iomain a pèin) a rèir meud cubaichte.

Tha e a' leantainn gum bith an astar a bhitheas long-smuid comasach a shiubhal air an connadh a tha i comasach a ghiùlan a rèir "fad na luinge".

Canaidh luchd-innlichidh "Prionnsabal Bhruneil" ris an riaghal seo chun latha an diugh.