Sèimheachadh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e atharrachadh chonnragan a tha ann an sèimheachadh. Tha a' bhuaidh seo cumanta ann an iomadh cànain, gu h-àraid mar bhuaidh eachraidheil.

Ma thèid connrag a shèimheachadh, thèid a lagachadh gu tionndadh nas laige na connraige agus aig a' cheann thall, faodaidh gun dèid an fhuaim a chur gu neoini. Ann an cànanachas, thathar a' coimhead air mar neartachadh sònorachd cuideachd.

Atharrachaidhean[deasaich | edit source]

Tha iomadh dòigh ann air a dh'obraicheas sèimheachadh. 'S e am "fosgladh" aonan dhiubh 's an fhuaim a' fàs nas fhosgailte ceum air cheum:

stad lìomhachadh spìorantadh
(dì-spìorantadh)
dì-bhusadh cur gu neoini
[p] or [pʰ] [pf] or [pɸ] [f] or [ɸ] [h] (neoini)
[t] or [tʰ] [ts] or [tθ] [s] or [θ] [h] (neoini)
[k] or [kʰ] [kx] [x] [h] (neoini)

Air neo "sònorachadh" 's an fhuaim 'ga ghuthachadh cuideachd:

stad lìomhachadh spìorantadh faisgeachadh cur gu neoini
[p] [b] [v] or [β] [ʋ] or [β̞] (neoini)
[t] [d] [ð] or [z] [ð̞] or [ɹ] (neoini)
[k] [ɡ] [ɣ] [ɰ] (neoini)

Cha bhi slighean an t-sèimheachadh co-ionnann an-còmhnaidh, bidh barrachd cheumannan ann uaireannan no bi diofar toradh ann aig a' cheann thall.

Sèimheachadh eachdraidheil[deasaich | edit source]

Gheibhear sèimheachadh eachdraidheil 's cànan ag atharrachadh mean air mhean o ghlùin gu glùin, mar eisimpleir mar a thachair eadar an Laideann agus an Spàinntis. Bha stadan gun ghuth [p t k] aig an Laideann agus sa chiad àite, chaidh an guthachadh gu [b d g]. Anns a' cheum mu dheireadh, dh'atharraich iad gu [β̞ ð̞ ɰ]. Thachair seo, mar eisimpleir, ann am faclan mar vitavida, caputcabo, caelumcielo.

Thachair rud gu math coltach ri seo sna cànain Cheilteach cuideachd. Mar eisimpleir, chaidh an -t- san Innd-Eòrpais a shèimheachadh nan robh e eadar dà fhuaimreag, mar a thachair eadar *teu̯teh2 "muinntir" gu *tou̯tā ann am Proto-Cheiltis, *tōθā ann an Gaeilge Thràth, túath /tʰuaθ/ ann an Seann-Ghaeilge agus gus neoini sa Ghàidhlig: tuath /t̪ʰuə/.[1]

Sèimheachadh co-aimsireil[deasaich | edit source]

Sandhi[deasaich | edit source]

'S e Sàrdais aon dhe na cànain Ròmansach anns am faighear sèimheachadh dhen t-seòrsa sandhi. 'S ciall dha sin gum faighear sèimheachadh eadar faclan fa leth ma bhios connrag eadar dà fhuaimreag. A chionn 's gur e riaghailt fuaime chunbhalach a tha seo, seach riaghailt gràmair, chan eilear 'ga sgrìobhadh.[2]

/b/ [β] baca [baka] "bò" sa baca [sa βaka] "a' bhò"
/d/ [ð] domu [dɔmu] "taigh" sa domu [sa ðɔmu] "an taigh"
/ɡ/ [ɣ] gupu [ɡupu] "ladar" su gupu [su ɣupu] "an ladar"

Sèimheachadh gràmarach[deasaich | edit source]

Gheibhear sèimheachadh eadar faclan fa leth sna cànain Cheilteach cuideachd. 'S e sèimheachadh sandhi a b' àbhaist a bhith ann, le riaghailt shimplidh a chuir sèimheachadh air gach connrag eadar dà fhuaimreag ach mar a chaidh cuid dhe na fuaimreagan air chall thairis air na linntean, dh'fhan an sèimheachadh ach bha e an uairsin 'na riaghailt gràmar aig an robh buaidh air fuaimean. Mar eisimpleir, tha diofar ann a thaobh sèimheachaidh sa Ghàidhlig eadar am fear /əm fɛr/ agus a’ bhean /ə vɛn/. Chithear gu h-ìosal mar a bha buaidh aig leasachan an uilt -os (le ainmearan firinn) agus aig -a (le ainmearan boireann):

Proto-Cheiltis *(s)indos wiros → Seann-Ghaeilge ind ferin feran fear → Gàidhlig am fear
Proto-Cheiltis *(s)inda bena → Seann-Ghaeilge ind enin enan bhean → Gàidhlig a' bhean

Tha gach connrag fo bhuaidh an t-sèimheachaidh sa Ghàidhlig (ach /l̪ˠ/ aig nach eil cèile shèimichte tuilleadh).[3] Tha luchd-cànanachais a' roinneadh nam buaidhean ann an co-roinntean eadar-dhealaichte mar eisimpleir:

  • call an dàrna fhuaimneachaidh m.e. /n̪ˠ/ gu /n/
  • lagachadh fuaim chritheanach gu fuaim tapaichte, m.e. /rˠ/ → /ɾ/
  • spìorantachadh, m.e. /m/ gu /v/ (le srònachadh 'na chois [4].)
Spìorantachadh
/p/ → /v/ bog /pok/ → glé bhog /kleː vok/"
/pj/ → /vj/ (ro fhuaimreag chùlach) beò /pjɔː/ → glé bheò /kleː vjɔː/
/kʰ/ → /x/ cas /kʰas̪/ → glé chas /kleː xas̪/
/kʰʲ/ → /ç/ ciùin /kʰʲuːɲ/ → glé chiùin /kleː çuːɲ/
/t̪/ → /ɣ/ dubh /t̪uh/ → glé dhubh /kleː ɣuh/
/tʲ/ → /ʝ/ deiseil /tʲeʃal/ → glé dheiseil /kleː ʝeʃal/
/k/ → /ɣ/ garbh /kaɾav/" → glé gharbh /kleː ɣaɾav/
/kʲ/ → /ʝ/ /kʲiaɾ/ → glé gheur /kleː ʝiaɾ/
/m/ → /v/ maol /mɯːl̪ˠ/ → glé mhaol /kleː vɯːl̪ˠ/"
/mj/ → /vj/ (ro fhuaimreag chùlach) meallta /mjaul̪ˠt̪ə/ → glé mheallta /kleː vjaul̪ˠt̪ə/
/pʰ/ → /f/ pongail /pʰɔŋɡal/ → glé phongail /kleː fɔŋɡal/"
/pʰj/ → /fj/ (ro fhuaimreag chùlach) peallagach /pʰjal̪ˠakəx/ → glé pheallagach /kleː fjal̪ˠakəx/


Call an dàrna fhuaimneachaidh
/n̪ˠ/ → /n/ nàdarra /n̪ˠaːt̪ərˠə/ → glé nàdarra /kleː naːt̪ərˠə/"
/rˠ/ → /ɾ/ rag /rˠak/ → glé rag /kleː ɾak/"
Dì-bhusachadh
/s̪/ → /h/ sona /s̪ɔnə/ → glé shona /kleː hɔnə/
/ʃ/ → /h/ seasmhach /ʃes̪vəx/ → glé sheasmhach /kleː hes̪vəx/"
/ʃ/ → /hj/ (ro fhuaimreag chùlach) seòlta /ʃɔːl̪ˠt̪ə/ → glé sheòlta /kleː hjɔːl̪ˠt̪ə/
/t̪ʰ/ → /h/ tana /t̪ʰanə/ → glé thana /kleː hanə/
/tʰʲ/ → /h/ tinn /tʲiːɲ/" → glé thinn /kleː hiːɲ/
/tʰʲ/ → /hj/ (ro fhuaimreag chùlach) teann /tʰʲaun̪ˠ/ → glé theann /kleː hjaun̪ˠ/"
Cur gu neoini
/f/ → Ø fann /faun̪ˠ/ → glé fhann /kleː aun̪ˠ/
/fj/ → /j/ (ro fhuaimreag chùlach) feòrachail /fjɔːɾəxal/ → glé fheòrachail /kleː jɔːɾəxal/

Tha sèimheachadh ag adhbharrachadh call an t-sònrachais cuideachadh. Tha a' Ghàidhlig a' coimhead air /l n ɾ/ mar chèilean laga de /ʎ ɲ rˠ/.

Call sònrachais
/ɲ/ → /n/ neulach /ɲial̪ˠəx/ → glé neulach /kleː nial̪ˠəx/
/ʎ/ → /l/ leisg /ʎeʃkʲ/ → glé leisg /kleː leʃkʲ/

Tha /l̪ˠ/ a' dol gu /lˠ/ ann an Gàidhlig na Hearadh.

Litreachadh[deasaich | edit source]

Thathar a' nochdadh sèimheachadh le h ann an Gàidhlig is sa Ghaeilge an-diugh ach bhathar a' cleachdadh na puinge sèimheachaidh roimhe san dà chànan. Mar eisimpleir, 's e a ṁáṫair an dòigh air an robhar a' sgrìobhadh a mhàthair roimhe. Chan eil sin cho cumanta sa Mhanannais far am bi litreachadh ma connraige gu lèir ag atharrachadh, m.e. ny çhengaghyndy hengaghyn "na teangannan" → "de theangannan".

Faic cuideachd[deasaich | edit source]

Tùsan[deasaich | edit source]

  1. Stifter, D. Sengoídelc Syracuse University: 2006 ISBN 0-8156-3072-7
  2. Mensching, G. (1992) Einführung in die Sardische Sprache Romanistischer Verlag, Bonn
  3. Oftedal, M. (1956) The Gaelic of Leurbost Norsk Tidskrift for Sporgvidenskap, Oslo
  4. Ternes, E. (1989) The Phonemic Analysis of Scottish Gaelic Helmut Buske Verkag, Hamburg