Rudolph Pariser

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e ceimigear a th’ ann an Rudolph Pariser.

Rugadh e san 8mh, an Dùbhlachd 1923 ann an Harbin, an t-Sìn. Chaidh e dhan sgoil an toiseach ann am Beijing agus an uair sin ann an Tokyo. Dh’imrich do na Stàitean Aonaichte anns a’ bhliadhna 1944, dìreach ron Darna Cogadh.

Tha e ainmeil air sgàths an obair aige airson molecular orbital computation a dh’fhoillsich e anns a’ bhliadhna 1953. Bha e ag obair còmhla ri Robert Parr air a’ phròiseict seo. An-diugh canar Pariser–Parr–Pople method ris, o chionns gun robh John A. Pople ag obair air an aon rud aig an aon àm cuideachd.