Rubha Robhanais

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Rubha Robhanais

Tha Rubha Robhanais (am Buta Leodhasach) ann an Sgire Nis agus 's e an t-àite as fhaide gu tuath ann an Eilean Leodhais. Tha taigh-solais air a bhith ann o na 1860an; chaidh a dhealbh le Daibhidh Stevenson. Tha steisean diofarail GPS air cnoc eile faisg air laimh.

Tha bagh seasgair air a bheil Stoth air an rathad gu ruige an taigh-solais. Tha feannagan rim faicinn air taobh eile an rathaid. Tha toll mòr cruinn anns na creagan gun iar air an taigh-sholais air a bheilear a' toirt An t-Suil. Gheibhear an sealladh as fheàrr air an seo a machair Thaboist.

Ceangal a-mach[deasaich | deasaich an tùs]