Ros Maircnidh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ros Maircnidh
Clach Chruithnis ann an Groam House

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Ros Maircnidh[1] no Ros Mhaircnidh [2] (Beurla: Rosemarkie). Tha am baile suidhichte air Linne Mhoireibh. Chithear Dùn Deòrsa bhon an seo. Tha e mu mhìle air àird an ear na Cananaiche agus mu 12 mìltean air àird an ear-thuath Inbhir Nis. Tha e anns an t-siorrachd traidiseanta Siorrachd Rois. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 35′ 24.03″ Tuath agus 4° 6′ 52.69″ Iar.

Ann an 2001 bha 608 duine a' fuireach an seo. [3]

Còmhla ris a' Chananaich tha raon-goilf aige.

'S e aon de na àitichean as ainmeil airson chlachan Chruithnis às an 8mh no 9mh linn. Chaidh an lorg air agus faisg air cladh na h-eaglaise agus tha iad rim faicinn ann an taigh-tasgaidh Groam House. Canar gun robh manachainn ann an Ros Maircnidh a bha ceangailte le Naomh Moluag (bàs: 592) no le Boniface (ainm eile: Naomh Curetán). Anns an Martyrology of O'Gorman tha Boniface ainmichte mar: "bishop and abbot of Ross maic Bairend".[4]

[deasaich] Iomraidhean

  1. Stòr-dàta SMO
  2. Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 101, Pàrlamaid na h-Alba
  3. Scotland's Census Result OnLine
  4. William J. Watson, The Celtic Place-Names of Scotland, (Dùn Eideann, 1926); ath-foillsichte le Simon Taylor (Dùn Eideann, 2004), duilleag 315

[deasaich] Ceanglaichean a-mach

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile