Ronaldinho

O Uicipeid
Ronaldinho
Beatha
Breith Porto Alegre (en) Translate, 21 dhen Mhàrt 1980
Dùthaich  Braisil
 An Spàinn
Ciad chànan Portagailis
Teaghlach
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Portagailis
Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd cluicheadair ball-coise nan comann agus neach-poileataigs
Eachdraidh
Clubaichean Bliadhnaichean G T
sgioba ball-coise nàiseanta Bhraisil fo aois 171996-199662
sgioba ball-coise nàiseanta Bhraisil fo aois 171997-199762
[[Grêmio Football Porto Alegrense (en) Translate]]1998-20015221
sgioba ball-coise Oilimpigeach Bhraisil1999-20082718
sgioba ball-coise nàiseanta Bhraisil1999-20139733
sgioba ball-coise nàiseanta Bhraisil fo aois 201999-199953
[[Paris Saint-Germain F.C. (en) Translate]]2001-20035517
[[FC Barcelona (en) Translate]]2003-200814570
[[AC Milan (en) Translate]]2008-20117620
[[Clube de Regatas do Flamengo (en) Translate]]2011-20123315
[[Clube Atlético Mineiro (en) Translate]]2012-20144817
[[U.S. Salernitana 1919 (en) Translate]]2014-2015258
[[Independiente Santa Fe (en) Translate]]2019-no value
 
Ionad no sònrachas cluicheadair-meadhain
toisiche
Cuideam 76 kilogram
Àirde 181 centimetre
Duaisean a fhuaras
Far-ainmean Ronaldinho
IMDb nm1155226

'S e cluicheadair ball-coise a th' ann an Ronaldo de Assis Moreira. Rugadh e 21 am Màrt, 1980 ann am Porto Alegre, Braisil. Tha e na chluicheadair ball-coise ris an canar nas trice Ronaldinho Gaúcho, air sgàth gur h-ann às roinn Rio Grande do Sul a tha e; no mar is àbhaist dìreach Ronaldinho.

Tha an t-ainm Ronaldinho (IPA - Brazil: [ʁonɑu'dʒɪɲo]) a' ciallachadh "Ronaldo beag" ann am Portagailis; chaidh am frith-ainm a bhuileachadh air gus a shònrachadh bhon chluicheadair Braisileach eile, Ronaldo. Tha Ronaldinho air iomadach duais a bhuannachadh, nam measg an tè airson FIFA World Player of the Year (dà thuras), agus chaidh ainmeachadh mar European Footballer of the Year agus mar FIFPro World Player of the Year aon thuras le chèile. Tha a' chuid as motha dheth saoghal na ball-coise dhen bheachd gur h-esan an cluicheadair as fheàrr air an t-saoghal, agus aon de na cluicheadairean a b' fheàrr a bh' ann a-riamh - ged a tha e fhèin a' smaoineachadh gur h-e dearg amaideas a tha seo, is e fhèin air a ràdh gu bheil e dhen bheachd nach e fiù 's an cluicheadair as fheàrr aig FC Barcelona, an sgioba dhan cluich e an-dràsta.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

A Bheatha Pearsanta[deasaich | deasaich an tùs]

'S i banaltruim a th' ann am màthair Ronaldinho, Migeulina. Bhàsaich athair, João, le greim-cridhe nuair nach robh Ronaldinho ach 8 bliadhna a dh'aois. Bha athair na neach-obrach ann an gàradh togail-luing agus na chluicheadair ball-coise saor-thoileach airson Cruzeiro. Chluich bràthair bu shine Ronaldinho ball-coise proifeiseanta airson Gremio ach chaidh stad a chuir air sin tràth nuair a chaidh a dhroch leòn, agus tha e a-nis ag obair mar mhanaidsear dha bhràthair òg. Tha gille beag aig Ronaldinho, air ainmeachadh João airson a sheanar, a rugadh air an 25 latha den Ghearran 2005 le Janaína Nattielle Viana Mendes.

Na òige leig Ronaldinho fhaicinn dè cho ealanta 'sa bha e le ball le bhith a' cluich futsal agus ball-coise air an tràigh, agus an deidh grèis ghabh e an sàs ann am ball-coise na bu thraidiseanta. Thog e aire dhaoine nuair a bha e 13 bliadhna a dh'aois agus e air 23 tadhal a chur an aghaidh sgioba àraid. Fhuair e tuilleadh cliù le cho math 'sa chluich e san Cupa na Cruinne dhan fheadhainn fo aois 17 san Èiphit an 1997.

Tha ùidh mhòr aige ann an ceòl Braisileach agus is toigh leis seinn is cluich an druma còmhla ri charaidean ann am Barcelona.

A Bhith-beò Proifeiseanta[deasaich | deasaich an tùs]

Braisil[deasaich | deasaich an tùs]

Nochd e a' chiad uair a-riamh ann an sgioba nàiseanta Braisil ann an 1999 air an 26 Ògmhios an aghaidh Latbhia. Anns a' chiad gheama aige a bha co-fharpaiseil chuir e tadhal an aghaidh Venezuela anns a' Chopa América 1999 a chaidh a ghlèidheadh le Braisil.

Bha buaidh nach robh beag aig Ronaldinho nuair a bhuannaich Braisil Cupa na Cruinne an Iapan agus Coirea a Deas 'sa bhliadhna 2002. 'S e aon de na tadhail a b' fheàrr sa cho-fharpais am fear a chuir e seachad air David Seaman, fear-glèidhidh Shasainn, anns an treas chuairt deireannach den Chupa. Fhuair e cairt dhearg anns a' gheama ud cuideachd agus mar sin chaill e an ath gheama an aghaidh an Tuirc, ach chluich e an uairsin anns a' chuairt dheireannach an aghaidh a' Ghearmailt, geama a bhuannaich Braisil 2-0.

Air an 29mh latha dhen Ògmhios 2005, bha làmh nach robh beag aige mar chaiptean nuair a bhuannaich Braisil an dara Cup FIFA nan Confederations aca nuair a thug iad buaidh air Argentina 4-1, agus Ronaldinho fhèin a' buannachadh an duais mar "Man of the Match". Sa Mhàrt 2004, dh'ainmich Pelé Ronaldinho mar aon de na 125 cluicheadairean as fheàrr ball-coise a tha beò.

Aig Grêmio[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann air sgioba nan òganach aig a' chlub Grêmio am baile Porto Alegre a thòisich a bheatha proifeiseanta, fo sgèith a' chòidse Luiz Felipe Scolari, a bhiodh na mhanaidsear air sgioba nàiseanta Bhraisil anns na bliadhnachan a leanadh agus a bha na cheannard nuair a bhuannaich iad Cupa na Cruinne ann an 2002. Fhuair e a chiad gheama airson prìomh sgioba Ghrêmio anns an Cupa Libertadores an 1998, agus cha robh e fada a chomasan airson tadhail agus cluich ealanta a thaisbeanadh.

An 2001, aig deireadh a thìm aig Grêmio, bha iomadach sgioba air feadh an t-saoghail a' cur suim ann an Ronaldinho agus gu h-àraid feadhainn bho Shasainn ach aig a' cheann thall rinn e imrich gu Paris Saint-Germain san Fhraing, 's e a' cur ainm ri cùmhnant a sheasadh còig bliadhna.

San Fhraing[deasaich | deasaich an tùs]

An 2001 dh'fhàg Ronaldinho Grêmio agus chuir e aghaidh air ball-coise na Roinn-Eòrpa. Ged a bha iomadach sgioba a' feuchainn ri grèim fhaighinn air, 's e PSG a ghabh e ris. Fhad 's a bha e le PSG bhiodh am manaidsear, Luiz Fernandez, tric a' gearain gun robh Ronaldinho a' cur seachad cus tìde 'sa bhaile air an oidhche, an àite suim a chur ann am ball-coise, agus nach biodh e a' cumail ris na dh'aontaich e de thìde airson nan làithean-saora aige am Braisil.

An dèidh Cupa na Cruinne an 2002, is Ronaldinho air nochdadh dè cho math 'sa chluicheadh e aig ìre eadar-nàiseanta, bha sgiobannan na bu mhotha a' feuchainn ri fhaighinn agus ann an 2003 thuirt e gu robh e airson PSG fhàgail. Lean tòrr còmhstri eadar caochladh sgiobannan 's iad airson grèim fhaighinn air, le tuilleadh is tuilleadh airgid air a thairgse air a shon.

Barcelona[deasaich | deasaich an tùs]

Air an naoidheamh latha deug dhen Iuchar 2003 cheannaich FC Barcelona Ronaldinho airson mu £18,000,000. Bha ceannard Barcelona, Joan Laporta, an toiseach an dùil David Beckham a thoirt dhan sgioba ach dhiùlt an cluicheadair ud iad; b' fheàrr leis gluasad gu Real Madrid, mar sin ghabh iad ri Ronaldinho, air thoiseach air Manchester United a bha airson a shoidhnigeadh cuideachd. A' dol gu Barcelona bha Ronaldinho a' leantainn dòrlach de chluicheadairean ainmeil eile Braisileach mar Evaristo, Romario, Ronaldo agus Rivaldo.

Anns a' chiad seusan aige (2003/4) chrìochnaich Barca anns an dara àite 'san lìog (La Liga). Còmhla ri Samuel Eto'o, Deco, Xavi, Ludovic Giuly agus Henrik Larsson bha e am measg buidheann de chuspairean cumhachdach a bhuannaich La Liga an ath-bhliadhna airson Barcelona. Air 20 Dùbhlachd 2004 chaidh Ronaldinho ainmeachadh mar Cluicheadair Fifa na Bliadhna a b' fheàrr air an t-saoghal, air thoiseach air Thierry Henry (Arsenal) agus Andriy Shevchenko (AC Milan) agus thionndaidh Barca sìos an £60,000,000 a bha Chelsea a' tairgse air a shon.

Air 19 Samhainn chuir e dà thadhal mìorbhaileach a chuidich Barcelona gu buaidh air Real Madrid 3-0 san Santiago Bernabeu, Madrid. An dèidh dha an dàrna thadhal fhaighinn - an treas fear aig an sgioba aige - dh'fhan a' chuid a bu mhotha de luchd-leanmhainn Real Madrid nan seasamh is iad ga mholadh, rud iongantach a leithid nach robh air tachairt bhon a chluich Maradona nan aghaidh, cuideachd airson Barcelona.

An 2005 chaidh Ronaldinho ainmeachadh mar chluicheadair na bliadhna a b' fheàrr san Roinn-Eòrpa agus an cuspairiche as fheàrr ann an Cupa na Roinn-Eòrpa airson a' cho-fharpais ud thar 2004/05. 'S e Ronaldinho an treas Braisileach a tha air an duais airson a' chluicheadair as fheàrr san Roinn-Eòrpa a bhuannachadh. Air 19 Dùbhlachd fhuair e an duais Cluicheadair FIFA na Bliadhna a b' fheàrr air an t-saoghal a-rithist, le 956 comharraidhean - còrr is trì uidhir na fhuair an cluicheadair a bha san dàrna àite, Frank Lampard (306), agus Samuel Eto'o san treas àite (190). Chaidh a thaghadh airson sgioba UEFA 2005 airson an treas bliadhna ann an sreath, agus fhuair e tuilleadh bhòt airson an sgioba ud na cluicheadair sam bith eile a bh' ann le còrr is 1,500,000 neach a' gabhail pàirt san taghadh.

Air an 7mh latha dhen Mhàrt 2006, anns an dàrna geama dhen chuairt sa Chupa Eòrpach san Nou Camp, rinn Ronaldinho agus Barcelona a' chùis air Chelsea, an deidh dhaibh call riutha aig an aon ìre sa cho-fharpais a' bhliadhna roimhe; chaidh tadhal sgileil a chur le Ronaldinho. An lorg sin, thug iad buaidh air AC Milan 1-0 thairis air dà gheama gus àite fhaighinn an aghaidh Arsenal sa chuairt dheireannach am Paris. Anns a' gheama sin rinn iad a' chùis 2-1 an deidh dhaibh a bhith air dheireadh 1-0 airson a' chuid a bu mhotha dhen gheama, le Henrik Larsson a' cur gach tadhal airson Barca - a' chiad uair a bha Arsenal air tadhal a chall ann an còrr is deich geamaichean. San aon bhliadhna bhuannaich Barca La Liga airson an dàrna seusan le buaidh a thug iad air Celta Vigo 1-0.

Ceangail a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]