Ricardo Rendón

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ricardo Rendón Bravo
1413651527 9965a5fc03.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Flag of Colombia.svg Rionegro, 11 an t-Iuchar 1894
Bàs Flag of Colombia.svg Bogotá, 28 an Damhair 1931.
Obair Dealbhachadh
Linn 20mh Linn

B' e dealbhadair agus Peantair à Coloimbia a bha ann an Ricardo Rendón Bravo. Rugadh ann an Rionegro faisg air Medellín san 11 an t-Iuchar 1894 agus chaochail e ann am Bogotá san 28 an Damhair 1931.[1]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

‘S ann an Antioquia a bha Ricardo Rendón Bravo, agus bha e na eòlaiche ealain ainmeil a ghabhadh pàirt ann an caochlach bhuidhnean a bha an aghaidh suidheachadh poiliteagach agus sòisealta ann an Coloimbia aig an àm. Bha e an sàs anns na Panidas, ann an 1915. Bhuineadh e do theaghlach beairteach foghlaimte agus bha dàimh dlùth aige dha na h-Uachdarain na dùthcha. Bha e ag obair anns a’ phàipear-naidheachd La República bho 1921 gu ruige 1925. A dh’aindeoin cho ainmeil ‘s a bha e, chuir e gu bàs fhèin ann an 1931, nuair a bha e dìreach 37 bliadhna a dh’ aois.

Samhlaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b’ àbhaist dhèanadh Rendón Bravo dealbhan dhe na daoine is e a’ tarraing dìreach sgrìobag neo dhà, gan cur anns an dealbh, gu tric gun chùl, airson a thoirt na bha a’ thachairt gu bàrr. Chleachdadh e loidhnichean gus sgread a leigeil, agus cha sgrìobhadh e ach dìreach facal neo dhà airson gum biodh a h-uile càil na b’ fhaicsinnich. [2] Tha e follaiseach gu robh e ag iarraidh coltas grànda a thoirt dhan fheadhainn a bha e a’ càineadh. Chleachdadh e rudan nàdarra mar choslachdan, beathaichean, craoibh, rudan – samhlaidhean mar chlaidheamhan, adan, brataichean, neapraigearan, gluasadan na bodhaige agus làmhan, is aghaidhean anabarrach, gus na smuaintean aca a shealltainn. ‘S e na cumaidhean sìmplidh a bha na bu chumanta sa chuid obrach, air sgàth gum biodh a chuid shàr Ealain a bhith na b’ fhasa ri thuigsinn. [3]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Cartoon Rendón
  2. Biblioteca Luis Ángel Arango
  3. Biblioteca Luis Ángel Arango