Rathad Iarainn nan Eilean

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Amar-Rathaid Gleann Fhionghain air Loidhne a' Mhalaig

Is Rathad Iarainn nan Eilean an t-ainm air an dà rathad-iarainn fa-leth, a chiad fear bho Ghobhalach Creag an Dobhrain don Ghearasdan ainmichte gu reachdail The West Highland Railway, agus an dara fear an rathad-iarainn bhon Ghearasdan do Mhallaig, port iasgaidh air Linne Shlèite mu choinneamh an Eilein Sgiathanaich, is e an stoidhle reachdail don rathad-iarainn seo The Mallaig Extension Railway.

Thogadh an dà loidhne seo as leth an North British Railway, is chaidh fhosgladh air an loidhne eadar Creag an Dobhrain is An Gearasdan ann an 1894.

Anns a chiad dol a-mach bha an cuid bu mhor de na steiseanan air an loidhne chun Gearrasdan sonraichte le ard-laran inniseachd agus togalaichean an nós airidh Helbhitia.

B' e Rabairt Mac Albainn am prìomh cunradair air na h-obraichean de Rathad-Iarainn a' Mhalaig agus is ann air an rathad-iarrainn sin a chaidh concreit mòr a chleachdadh mar phrìomh stuth-innlichidh nan drochaidean agus obraichean eile airson a chiad turas ann am Breatainn. Tha an tìr ana-dhoirbh airson rathaid-iarainn eadar an Gearasadan is Malaig mar a tha na feartan de 11 trannsaichean-talmhainn an astar 40 miltean agus claon-bhord riaghaltachd de 1 an 40 nan dearbhadh.

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: