Rapunsail

O Uicipeid

Tha Rapunsail 'na h-ùirsgeul sa' chruinneachadh cruinn leis na Bràithrean Grimm, agus air fhoillseachadh a' chiad àm sa' bhliadhna 1812 cho cuid de Ùirsgeulan nam Bràithrean Grimm.

Gnìomhadh[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'fhuirich càraid gun clann ri taobh de gàradh ballach a bhuin ri ban-draoidh. Bha a' bhean air turas mu dheireadh thall is ghabh i sealladh roinn de luibh, air chantainn ri "Rapunsail", a' fàs sa' ghàradh is dh'iarr i i ris a' bhàrr a' bhàis. Fad dà oidhche, dh'ealaidh a fear a-steach dham ghàradh a chruinneachadh roinn na luibhe dhi, ach air an treas oidhche, nuair bha e a' dìreadh am balla a thilleadh dhachaigh, nochd a' bhan-draoidh is thagair i e de goid. Ghuidh e ri ìochd, ag ràdh gun robh a bhean air turas is ag iarraidh an luibh, is dh'aontaich a' bhean shean a thoirt dha roinn na luibh, air a' chumha gun gheibheadh i am bìodag nuair rugadh i. Èiginneach, dh'aontaich am fear; rugadh bìodag; nochd a' bhan-draoidh 's ghabh i a' bhìodag air falbh. Dh'ainmich i i Rapunsail. Nuair ràinig Rapunsail dà bliadhna dheug a dh'aois, ghlais a' bhan-draoidh i air falbh ann an turaid domhan sa' choille, a' falach an doras. Nuair chaidh a' bhan-draoidh a thadhal Rapunsail, sheas i fon uinneig aig a' bhàrr na tùraide is ghairm suas dhi:

Rapunsail, Rapunsail, leig sìos do ghruag, mar sin dìrichidh mi d' fhàradh òrail

Aig a' cluinntinn na faclan seo, shuaineadh Rapunsail a gruag fhada mun cuairt na cromaig a shuidh ri taobh na h-uinneige, 's leigeadh i i tuiteam sìos ris a' bhan-draoidh, a dhìricheadh suas ri Rapunsail.

Aon là mharcaich prionnsa tron choille 's chuala e Rapunsail a' seinn bhon turaid. Fo gheasaibh le a ghuth speurach, leis an aonranachd dhen t-seòrsa anna, chaidh e a lorgadh an rìbhinn 's lorg e an turaid, ach cha robh ann doras a' dol a-staigh. Thill e gu tric, a' cluinntinn rithe seinn, is aon là chunnaic e a' bhan-draoidh a' tadhal, mar sin ag ionnsachadh ciamar a ruigheachd Rapunsail. Nuair dh'fhàg a' bhan-draoidh, ghairm e ri Rapunsail a' leigeil a gruag sìos, is dhìrich e suas, chuir e eòlas oirre, 's fa dheòidh dh'iarr e ga pòsadh 's chòrd rithe.

Còmhla dhealbh iad dòigh dhi a theicheadh bhon turaid: thigeadh e 'san fheasgair (mar sin a' seachnach a' bhan-draoidh a thadhal fad an là), is beirsinn sìoda dhi, a dh'fhigheadh Rapunsail beag air bheag a-steach do àradh. Ach mus bh' an àradh iomlan, nochd Rapunsail a càirdeas leis a' phrionnsa gu gòrach, nuair (ann an tiotan de neo-chuimhne) dh'fhaighnich i a' bhan-draoidh aon là carson a bha nas fhurasta a tharrang an prionnsa suas an àite i. 'San sgeul tùsail nam Bràithrean Grimm, dh'fhoillsich Rapunsail a suirghe leis a' phrionnsa 'nuair thuirt i (gu neo-chiontach) ri a muime gun robh a casag mhòr a' fàs nas teanna mun cuairt a meadhan. Feargach, gheàrr a' bhan-draoidh goirid a' ghruag dhualach Rapunsail 's dhìobair i i dhan fhàsach a shaothrachadh rithe fhèin.

Nuair ghairm an prionnsa 'n oidhche sin, leig a' bhan-draoidh na dualan sìos a tharrang e suas. Ri a oillt lorg e fhèin ag amharc a' bhan-draoidh an àite Rapunsail, nach robh àite sam bith air lorgadh a bhith. Feargach, thuirt a' bhan-draoidh gu fanaideach dha nach chitheadh e Rapunsail a-chaoidh a-rithist, leum e bhon turaid 'na eu-dòchas, agus rinn na drisean fodha e dall.

Fad na h-ùine fada, chaidh e air seachran tron fhàsach, gus an chuala e mu dheireadh thall aon là an guth Rapunsail a' seinn agus lorg e i. Nuair thuit iad a-steach dham ghàirdeanan a chèile, dh'aisig a deòir a lèirsinn, is stiùir i ri a rìoghachd, far an dh'fhuirich iad sona fad an làithean.

Mìneachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Cho leis na leughaidhean eile ann an beul-aithris, tha mòran chiallan comasach.

Ag ithe biadh os-nàdarrach, 's tric gum cuir sin neach ann am cumhachd os-nàdarrach (coltaichibh Persephone agus an gràn-ubhal, an sgeul timcheall Circe, agus mòran ùirsgeulan Ceilteach), agus ann an iomlaid air cho mòran rapunsail a dh'iarr a bhean, lorg an fear fhèin an dàn a thoirt an leanabh suas, nuair rugadh i. Nuair thàinig a' bhean ris a' cheann-aimsir, nochd a' bhan-draoidh agus ghabh i a' bhìodag air falbh, ga h-ainmeachadh Rapunsail.

Chinn Rapunsail a-steach do duine-cloinne àlainn, a' chaileag nas maisiche 'san sgeul seo sònraichte, agus fhuair i a h-àrach ann an iomallachas sòghail ach dìonach, dùinte 'san dòigh nam boireannaich uasal na Roinn-Eòrpa anns Na Linntean Meadhanach agus 'san Linn an Ath-bheòthachaidh. Cha robh olc gu fìor a' bhan-draoidh, cho mòr ri h-uabhasach seann-nòsach. Chreid i, mar creididh mòran dhaoine fhathast, gur urrainn do na deagh-bheartan na h-òigheachd air chur còmhla le neo-chiontachd gu lèir aineolach a bhith. (Coltaich Prospero agus a nighean Miranda anns An Doineann le Shakespeare) Nuair ràinig Rapunsail dà bliadhna dheug a dh'aois, (agus mar sin aig an tiotan na aoise-leannanachd) bha i glaste aig a' bhàrr de turaid aonranach domhan sa' choille, a mhuime a' dùnadh den dorais.

Mhair Rapunsail a chinntinn a-steach do bean òg an dèidh dhùin a' bhan-draoidh i air falbh 'san turaid. Th' an sgeul a' tighinn thairis cho rabhadh ri pàrantan nach urrainn dhaibh am clann gu bràth cumail agus feumaidh iad asda leigeil uaireigin.

An ath-bhualadh Rapunsail aig an fhaicinn a' phrionnsa- cha robh e eu-coltach mar aithris Mhiranda: "Oh brave new world! that has such people in it!" ("A shaoghail ùr treun! Gu bheil muinntir dhen t-seòrsa aige!")

'Sna dualchasan far an gheàrr mnathan am gruag nuair pòsaidh iad, bha gruag fhada 'na samhladh na h-òigheachd. 'San ùirsgeul Bhean-uasal Godiva, tha a' ghruag fhada Ghodiva 'na samhladh a geamnachd. Mar sin, ghabh a' bhan-draoidh deamhais agus gheàrr i na cleachdagan Rapunsail. Gu h-ùidheil, 'san sgeul tùsail nan Bràithrean Grimm, cha robh an càirdeas Rapunsail leis a' phrionnsa air lorgadh a-mach tro a bruadar de a leannan, ach an àite tron fhìrinn a dh'fhàs i leatrom leis a' phrionnsa.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Teamplaid:Wikisourcepar Teamplaid:Wikisourcepar