Punc Gàidhlig

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Thàinig Punc Gàidhlig gu aire dhaoine ann an 2005 nuair a nochd dà chlàr làn Gàidhlig a-mach anns an aon mhìos, clàr aig Oi Polloi, 'Carson,' agus clàr aig Mill a h-Uile Rud, 'Ceàrr.' Tha an ceòl ùr seo a' faighinn cluich air BBC Radio nan Gàidheal cho math ri BBC Radio 2 agus bha prògram mu thuras Mill a h-Uile Rud agus Oi Polloi air a chraobh-sgaoileadh mar phàirt dhen sreath, Ealtainn, air BBC 2.

Tha punc Gàidhlig a' sìor fhàs nas treasa agus a-nis tha grunn math de chòmhlanan a' cluich a-mach, Atomgevitter, Là Luain agus Whiskey No More nam measg. Nochd Là Luain air a' chiad sreath dhen phrògram-chiùil, Rapal T.Bh., air BBC 2.

Mill a h-Uile Rud a' cumail na Gàidhlig ri sluagh mhòr ann an Leuvan, a' Bheilg

Ceangal a-muigh[deasaich | edit source]