Puerto Berrío
Puerto Berrío
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| [[Image: |300px]] | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Magdalena Medio | ||||
| Àirde | 125m | ||||
| Teodhachd | 29˚ | ||||
| Co-chomharran | 06° 29' 35' Tuath 74° 24' 26' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 1,184 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 38,935 (2005) | ||||
| Dlùths | 32.88/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile meadhanach ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Puerto Berrío. Tha e suidhichte dìreach ri taobh na h-aibhne Mhagdalena, air an àirde an ear na roinne, aig 125m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 192km bho Mhedellín. ‘ S e baile le clìomaid gu math teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 29˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1875.
Susbaint |
Freumhan an Ainm [deasaich]
'S e Remolino Grande (Coilleag Mhòr) a' chiad ainm a bha air an aite sin, bho dhà fhacal ann an Spàinntis: Remolino (Coilleag)[3] agus Grande (Mòr), bhon fhacal Grandis ann an Laideann.[4] Tha am baile suidhichte ri taobh na h-aibhne Mhagdalena. 'S ann à ainm an Riaghladair Pedro Justino Berrío, a bhrosnaich leasachadh na sgìre, a thàinig an t-ainm a tha air a' bhaile an latha an-diugh.[5]
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Tha 38,935 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 4,760 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Puerto Berrío, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 12.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 85.8% dhe na daoine ann an Puerto Berrío leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig 56% dhe na dachannan.[8]
Fèisean [deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Puerto Berrío. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Mapa oifigeil na roinne
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Real Academia de la Lengua
- ↑ Real Academia de la Lengua
- ↑ Fiosrachadh a' Chomhairle
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia