Prionnsalachd Leyen

O Uicipeid
Prionnsalachd Leyen
Fürstentum von der Leyen
  18061813  
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1806
Bliadhna mu Dheireadh 1813
Prìomh-Bhaile Seelbach
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 126 km2
Àireamh-shluaigh 4,500 (1800)
Dlùths 35.71/km2

B’ e meanbh-dhùthaich anns a’ Ghearmailt nach mhair ach eadar 1806 agus 1813 a bh’ anns A' Phrionnsalachd Leyen (Gearmailtis: Fürstentum von der Leyen).[1] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1806 nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Dh' àrdachadh Iarla Adendorf, a bhuineadh dhan teaghlach uasal von der Leyen,[2] gu Prionnsa an dèidh Chath Austerlitz agus bha na trì parraistean a bh' aige san sgìre bheanntach Hohengeroldseck àrdachadh gu prionnsalachd.[3] Bha Leyen, a bha dìreach cho beag ri Longa faisg air Geàrrloch, na ball Co-chaidreachas na Rèine fad an t-siubhail agus bhathar dhen bheachd gum b' e dìreach stàit-pupaid fo bhuaidh na Frainge a bh' ann cuideachd.[4] Chuir Leyden dìreach 29 saighdearan do Fheachdan a' Cho-chaideachais, a bha an lùib le Arm na Diùcachd Nassau.[5] B’ e Seelbach a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. A bharrachd air sin, bha Leyen cho lag leis gu robh e air a chuairteacheadh ri gach taobh le Baden agus bha iadhtag a bhuineadh do Bhaden (Wittelbach) na broinne cuideachd. An dèidh Chath Leipzig, chaidh Leyen a thoirt dhan An Ostair agus thug An Ostair gu Baden ann an 1819. Chaill am Prionnsa a h-uile oighreachd aige ri linn Chòrdadh Vienna, leis cho dìleas a bha e dhan Fhraing.

Ceannard na Stàite[deasaich | deasaich an tùs]

  • Philipp Franz Erwein Theodor von der Leyen und zu Hohengeroldseck (na phrionnsa bho 1806 gu 1813)

Gallaraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Regional Geschichte
  2. Almanach de Gotha
  3. Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier,‎ septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374
  4. Napoleon
  5. Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard,‎ octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486