Potsdam

O Uicipeid
Potsdam
Bratach a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Ceàrn Brandenburg
Co-chomharran 52° 24' Tuath
13° 4' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 187.27 km²
Àireamh-shluaigh 148,691 (2006)
Dlùths 793.99/km²
Àireamh fòn +49-331
Duilleag oifigeil potsdam.de

Is e baile nan lùchairtean agus nan ghàraidhean a th’ ann am Potsdam, (IPA: ˈpɔtsdam), prìomh-bhaile Bhrandenbuirg. O chionn bliadhna 1990 tha e air a chomharrachadh leis an UNESCO mar Làrach Dhualchas na Cruinne.

Lùchairt Schloss Sanssouci, Potsdam

Is e lùchairt Schloss Sanssouci an sealladh as ainmeile ann am Potsdam. Tha an lùchairt seo na laighe ann an gàradh mòr mar crùn air beinn fhìona a chaidh a cruthachadh mar staidhre. Chaidh Sanssouci a thogail eadar 1745 agus 1747 mar lùchairt-shamhraidh air a dhoigh "Rokoko" airson an Rìgh Frederic Mòr.

Tha tòrr lùchairtean eile ann am Potsdam, mar eisimpleir: is e Das Neue Palais an lùchairt as motha anns a’ bhaile, tha an Neue Orangerie agus am Marmorpalais ann cuideachd. Anns an lùchairt Schloss Cecilienhof thàinig Winston Churchill ( an-dèidh Clement Richard Attlee), Harry S. Truman agus Iosif Stalin còmhla ann an 1945 airson co-labhairt ainmeil "Cò-labhairt Photsdam" (Potsdam Conference sa Bheurla) an-dèidh an Dàrna Cogadh. Anns a’ cho-labhairt seo chaidh a' Ghearmailt a sgaradh le ceithir pàirtean poileataigeach.

Cò-labhairt Photsdam le Churchill, Truman and Stalin, 1945

Is e an gàradh as aosda a tha ann an Lustgarten air beulaibh na lùchairt Das Stadtschloss. Chaidh a chruthachadh anns a' bhliadhna 1660 agus chaidh a chruthachadh a-rithist ann an 2001 ann an seòrsa ùr airson fèill nan gharaidhean (Bundesgartenschau sa Ghearmailtis).

Is e gàradh ainmeil eile a tha anns a’ phàirc Babelsberg. Chruthaich Peter Joseph Lenné, an t-eòlaiche cliùiteach, a’ phàirc seo.

A bharrachd air na lùchairtean agus na gàraidhean is toil leis an luchd-turais taighean na luchd-tuineachaidh às an Òlaind. Thàlaidh Rìgh Frederic Uilleam I luchd-ciùird agus luchd-malairt do Bhrandenburg ann an 1733 agus thog iad fhèin cairteal a’ bhaile le 133 taigh à clachan-chrèadha.

Anns a’ cholonaidh Ruiseach Aleksandrowka ann am Potsdam

Ann an cairteal eile tha colonaidh Ruiseach Aleksandrowka ann, far an robh dà sheinneadair dheug de chòisir Ruiseach a’ fuireach ann an naoidheamh linn deug. Tha ceithir taighean deug agus eaglais anns an stoidhle Ruiseach anns a’ cholonaidh Aleksandrowka.

Is e baile nan oilthighean a tha ann am Potsdam cuideachd. Tha cuid de oilthighean agus institiuidean prìobhaideach agus trì oilthighean poblach ann, am measg an oilthighe Konrad Wolf (HFF Babelsberg) airson fhilmichean agus telebhisean, an t-oilthigh meadhanan as sìne air an t-Saoghal.

Oilthigh Photsdam anns a' phàirc Sanssouci

Tha tòrr thaighean-tasgaidh, agus thaighean – taisbeanadh a’ tàladh luchd-tadhail do Photsdam. Ach tha an dùthaich Brandenburg fhèin inntinneach dhaibh cuideachd.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha tòrr dealbhan anns an Wikipedia Commons :

Potsdam agus Sanssouci

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Annuaire de France
  2. Stadt Bonn
  3. SisterCities