Posterstein

O Uicipeid
Posterstein

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Sgìre Thüringen
Co-chomharran 54° 04' 17' Tuath
09° 59' 24' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5.53 km²
Àireamh-shluaigh 427 (2013)
Dlùths 77.22/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile uabhasach beag ann an cridhe na Gearmailt a th’ ann am Posterstein. 'S ann à stein (clach) agus an sloinneadh Puster anns a' Ghearmailtis a tha an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1191.[1] Eadar 1603 agus 1918 bha Posterstein na phàirt Dhiùcachd Sachsen-Altenburg. Bha an sgrìobhadair Hans Fallada na euslainteach san taigh-caothaich ann seo eadar 1917 agus 1919 an dèidh do charaid marbhadh an an còmhaig-dithis.[2] Tha Posterstein suidhichte aig 250m os cionn ìre na mara ri taobh na h-Aibhne Sprotte, anns an stàit Thüringen, 100km air falbh bho Dresden, 201km bho Bherlin 58km agus 53km bho Leipzig.[3] Tha am baile a' buntainn dhan cheàrn (Gearmailtis: Kreis) Altenburger Land agus tha 427 duine a' fuireach ann.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Wolfgang Kahl: Ersterwähnung Thüringer Städte und Dörfer bis 1300. Verlag Rockstuhl, Bad Langensalze 2009, ISBN 3-9-9347-58-9, S.48
  2. Literaturland Thüringen
  3. Luftlinie
  4. Statistik Thüringen

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]