Port a' Mhuilinn
O Uicipeid
'S e Port a' Mhuilinn (Beurla: Millport) [1] an t-aona baile a tha ann an Cumaradh Mòr, eilean ann an Linne Chluaidh. Tha am baile mu 4 mìltean deas air an Leargaidh Ghallda. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 45′ 7.2″ Tuath agus 4° 55′ 48″ Iar.
Ann an 2001 bha 1,253 duine a' fuireach an seo. [2]
Tha roinn turasachd cudromach airson gnìomhachas an eilein.
Tha an eaglais the Cathedral of the Isles an seo. Canar gur e sin an àrd-eaglais as lugha de na h-Eileanan Bhreatainn [3] neo is dòcha dhen Roinn Eòrpa. Cha suidh ach 100 duine anns an eaglais aig an aon àm.
Iomraidhean [deasaich]
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 161 548
- Port a' Mhuilinn, duilleag na coimhearsnachd
- Port a' Mhuilinn, comann turasachd