Port Phàdraig
'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann am Port Phàdraig (Beurla: Portpatrick). [1] Tha e suidhichte air còrsa an iar na h-Alba iar air An t-Sròn Reamhar air a mhòr-rathaid A77. 'S e seo na co-chomharran aige: 54° 50′ 42.14″ Tuath agus 5° 7′ 27.44″ Iar.
Ann an 2001 bha 585 duine a' fuireach an seo. [2]
Chaidh am baile a stèidheachadh mar bhaile-iasgaich, air sgàth 's gu bheil port-mara nadarra aige. Bha aiseagan a' ruith eadar Port Phàdraig agus Èirinn a Tuath airson bathar agus litrichean. Ach aig deireadh na 19mh linn, nuair a cheachdadh bàtaichean nas motha, bha triobaid aca am port-mara a' ruigsinn air sgàth 's a' ghaoth laidir a tha a' tighinn bhon àirde an iar. Mar sin dheth ghuais an gniomhachas seo chun an t-Sròin Reamhair.
Tha tobhtaichean dhen Dunskey Castle mu leth mhìle deas air Port Phàdraig. Chaidh an caisteal a thogail anns an 16mh linn.
[deasaich] Iomraidhean
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 001 544
- Undiscovered Scotland - Port Phàdraig