Port Aiseig a' Chrìch
'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann am Port Aiseig a' Chrìch (Beurla: Creetown, ainm bho thùs: Ferrytown of Cree). Tha e suidhichte mu 18 mìltean deas air Caisteal Dhùghlais. 'S e seo na co-chomharran aige: 54° 54′ 0″ Tuath agus 4° 23′ 0″ Iar.
Tha timcheall air 750 duine a' fuireach an seo. [1]
Chaidh am baile a thogail ann an 1785 agus bho 1792 tha e na bhaile-malairt (burgh of barony). Tha port mara beag aige.
Tha ionad-dualchais aige far a bheil iad a' dèanamh pròiseict air a bheil an t-ainm: "Oral History Project". Bidh seann daoine ag innse mun dòigh-bheatha aca ann am Port Aiseig a' Chrìch. Mar sin tha cruinneachadh mòr ann a-nise a cleachdar airson rannsachadh agus mìneachadh eachdraidh a' bhaile anns na 70 bliadhna sa chaidh. Chleachd Sir Walter Scott cuairteachadh a' bhaile anns an leabhar aige: Guy Mannering.
Iomraidhean [deasaich]
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Duilleag oifigeil Port Aiseig a' Chrìch
- Balloch Wood Community Project
- Ionad-dualchais Phort Aiseig a' Chrìch
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX4719258751