Poilitigs ann an Èireann

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Poileataics ann an Eirinn)
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Susbaint

Aonadan poiliteagachd na h-Èireann[deasaich]

Tha còig coigeamh ann an Eirinn, a bha trath ann an eachdraidh na h-Eireann nan coig rioghachdan fa-leth. Is iad An Ulaidh, An Mi, An Leamhainn, An Mumha agus An Connacht. B' e an Mi an coigeamh as lugha agus tha i air a bhi na phàirt den Mhumha bho linn nan Normanach.

Nuair a dh'fhuair na Normanaich greim air Eirinn anns an 14mh linn, roinn iad an tìr eadar 32 siorramaich, agus ainmeachadh cuid shioraim "Contae". Is e na contaean sin a tha fhathast nan aonadan rianachd na dùthcha agus tha fèin-aithneachadh làidir aig muinntir gach chontae.

Eadar 1801 agus 1921 bha Eirinn na phàirt den Rìoghachd Aonaichte. Ged a chòrd an Reiteachadh seo ri cuid Eireannaich bha an cuid a bu mhotha na aghaidh. Dh'aontaich pàrlamaid na Breatuinn ri Fèin-Riaghaladh airson Eireann ann an 1911. Bha fèin-riaghaladh ri tòiseachadh ann an 1915 ach chuireadh bacadh air sin aig toiseach a' Chogadh Mhòr. Aig a' cheann thall cha tàinig Fèin-Riaghaladh idir ro 1921, nuair a stèidheachadh Saor-Staite na h-Eireann as dèidh srì armaichte.

Nuair a dh'aontaich an Riaghaltas Breatuinneach ri stèidhicheadh Saor-Stàite na h-Eireann, bha cuid de na Ultaich calg direach an aghaidh. Chaidh sgaradh air Eirinn agus dh'fhàn sia (a-mach a naoi) chontaean Ultach anns an Rioghachd Aonaichte. Dh'aobharaich an t-aontachadh fhèin sgaradh an taobh deas na tìre, agus mhilleadh ciad bliadhna na Saor-Staite le cogadh siobhalta fuilteachd a mhair 9 miosan.

Mhair Saor-Staite na h-Eireann bho 1921 gu 1937. Fon aontachadh de 1921 bha an Saor-Stait neo-eisimileach ach taobh a-staigh Commonwealth na Breatuinn agus chùm an Cabhalach Rioghail seilbh air port daingnichte aig Cobh faisg air Cathair Corcaigh anns a' Mhumha. Ann an 1937 dh'aontaich muinntir na h-Eireann ri bun-steidh poblachd, agus choisinn Eirinn làn neo-eisimileas.

Canar "Tuathscuairt na h-Eireann" ri na Contaean Ultach a tha fhadhast anns an Rioghachd Aonaichte.

Is e Eire an t-ainm a tha air a' Phobalachd ach, tha a' Bheurla na darna cainnt oifigeil na h-Eireann agus anns a' Bheurla is e "Ireland" an t-ainm oifigeil air an dùthaich. Don bhrigh seo, uaireannan cluinnear luchd-poileataigs a' labhairt anns a' Bheurla mu deidhinn "The island of Ireland", a' ciallachadh Eireann gu leir.


Poiliteags ann an Eire[deasaich]

Siostam Riaghalaidh[deasaich]

Tha 2 thaigh riaghalaidh ainmichte an bun-reachd na h-Eireann. Is e a tha anns an Dail an taigh iochdar agus . Theirear T Dail (TD) ri gach ball den Dail. Tha gach TD a' riochdadh Contae ach tha corr is aon TD aig gach contae. Tha uimhir nan TD aig gach contae a reir meud sluagh a' chontae. Thèid an roghainn le siostam bhót singilte so-iomcharachd. Is e a tha anns an Oireachtas an Taigh Uachdar, tha gach ball taghta ach tha cuid de buill an oireachtas a' riochdadh roinnean sonraichte de mhuinntir na h-Eireann, mar eisimplir, tha luchd-riochdaidh aig oil-thighean na h-Eireann anns an oireachtas.


Partaidhean Politigeach an Eire[deasaich]

Tha ceithir partaidhean poilitigeach le riochdairean ann am Dail Eireann anns an latha an diugh (2007). Is iad Fianna Fáil, Fine Gael am Partaidh Laborach agus Sinn Fein.

Is e Fianna Fail agus Fine Gael an dà phartaidh as motha. Steidhicheadh an dà phartaidh seo re saoghal an saor-stait agus tha teaghlachan poilitigeach air nochdadh annta. Tha ballrachd de Fianna Fail agis Fine Gael, eadhan don ghinealach an diugh a' beanailt air taobh a thug na seann-phàrantan aig am a' chogaidh shiobhalta.

Tha am Partaidh Laborach gu math lag an diugh (2007).

Tha Sinn Fein na Partaidh Pobalanachd agus Sòisealach agus tha e an sàs ann an poiliteags gach taobh den chrioch eadar Eirinn agus na sia chontae.