Phnom Penh
As a'Wikipedia
| Phnom Penh | |
![]() |
|
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | Cambuidea |
| Ceàrn | Phnom Penh |
| Co-chomharran | 11° 33′ Tuath 104° 55′ Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 376 km² |
| Àireamh-shluaigh | 2,009,264 (2006) |
| Dlùths | 5,343.79/km² |
| Duilleag oifigeil | www.phnompenh.gov |
'S e prìomh-bhaile Chambuidea a tha ann am Phnom Penh (Cànan Khmer: ភ្ន៓ពេញ Phnum Pénh, (pʰnum peːɲ). Thainig an t-ainm bho na faclan Wat Phnom Daun Penh ( an-diugh: Wat Phnom, Gàidhlig: cnoc teampall ). Chaidh an cnoc a thogal anns a’ bhliadhna 1373 airson coig ìomhaighean Buddha a chur air.
'S e Phnom Penh am baile as motha den dùthaich. Tha e suidhichte san àird a deas Cambuidea, aig inbhir na h- Aibhnichean Tonlé Sap, Mekong agus Bassac. 'S e seo an co-chomharran aige: 11° 33' Tuath agus 104° 55' East [1].
Anns na 1920an b’e "usgar de Àisia'" far-ainm a’ bhaile. [2] Tha Phnom Penh fhathast cliùiteach airson ailtireachd anns an stoidhle fhrangach agus anns an stoidhle Khmer. Mar sin dheth tha roinn na turasachd gu math laidir anns a’ bhaile fhèin.
'S e Phnom Penh am baile as beartaiche ann an Cambuidea. Tha e na teas meadhan malairteach agus na cridhe poileataigeach den dùthaich.
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ earth-info
- ↑ Phnom Penh, 27mh an Iuchar 2007
