Pàislig
Pàislig
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | Alba | ||||
| Ceàrn | Srath Chluaidh | ||||
| Sgìre | Siorrachd Rinn Friù | ||||
| Co-chomharran | 55° 50′ 47.86″ Tuath 4° 25′ 25.09″ Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 29.8 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 72,970 (2004) | ||||
| Dlùths | 2,448.66/km² | ||||
| Àireamh fòn | 0141 agus 01505 | ||||
| Duilleag oifigeil | www.paisley.org.uk | ||||
Tha Pàislig na bhaile ann an Siorrachd Rinn Friù, air Galldachd an ear na h-Alba. A dh'aindheoin an ainm, tha Port-adhair Eadar-nàiseanta Ghlaschu ann am Pàislig. Tha am baile anns an àite-cathaireach Ghlaschu, le meadhan a' bhaile Ghlaschu 6.9 mìltean (11.1 km) air falbh gu sear. Tha Pàislig na phrìomh-bhaile dha Siorrachd Rinn Friù.
Bhathar a' smaoineachadh aig aon àm gun robh làrach an dùin Ròmanach, Vanduara (no Vandogara), a bh' ann am Pàislig. Tha seo air sgàth 's gu bheil an t-ainm Breatannach air a' bhaile (Gwen-dwr, "Uisge geal") coltach ris an ainm Ròmanach air a shon. Thathar a' creidsinn gun robh ainm a' bhaile agus an abhainn (Abhainn a' Chairt Bhàin) an aon rud aig an àm seo.
Anns an dàrna linn deug chaidh eaglais a stèidhichte agus dh'fhàs baile ma thimcheall. Am broinn linn, chaidh staid Abaid a choileanadh leis an eaglais. Dh'fhàs am baile ainmeil tron ochdamh is naoieamh linntean deug air sgàth gnìomhachas clò, gu h-àraidh cotan leis a' phatran shònraichte, Phatran Phàislig.
Ged a tha e nas lugha na Glaschu, Dùn Èideann, Obar Dheathain no Dùn Deagh, 's e Pàislig an còigeamh baile as motha ann an Alba, anns a bheil tuilleadh daoine a' fuireach na Inbhir Nis no Sruighlea aig a bheil staid chathair-baile.
Daoine ainmeal a Phàislig
Fulton Mackay
Gerard Butler
John Byrne
Kari Corbett
Jim Dewar
Joe Egan
Graham Fulton
Hector Nicol