Pacho
Pacho
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| [[Image: |300px]] | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Àirde | 2136m | ||||
| Teodhachd | 19˚ | ||||
| Co-chomharran | 05º 07' 58' Tuath 74º 09' 43' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 403 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 15,414 (2005) | ||||
| Dlùths | 38.25/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Riaghaltas a’ Bhaile | ||||
' S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th'ann Pacho. Tha e suidhichte mu aig astar dhe 88km bho Bhogotá shuas anns na na h-Andes. Tha am baile fhèin aig àirde dhe 2,136m os cionn ìre na mara, ach tha àiteachan cho àrd is cho ìosal na 1,000m agus 3,700 os cionn ìre na mara. ‘S e baile le cliomaid càilear a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 19˚, rè na bliadhna, ach tha ciomaidean eile shuas agus shìos air a’ mhòintich. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1624.
Susbaint |
[deasaich] Freumhan an Ainm
'Se Guataque neo Gotaque an t-ainm a bha air an àite seo mus do ràinig na Spàinntich,[3] a tha a' ciallachadh cnoc bhon fhacal gua ann am Muisca.[4] Fhuair am baile an t-ainm Pacho bho Diego Pacho, an ceann-feadhna Tùsanach mu dheireadh, a tha a' ciallachadh deagh athair, bho Pá (athair) agus Chó (math) ann am Muisca.[5]
[deasaich] Sluagh a' bhaile
Ged a tha 25,414 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 11,917 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Pacho (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.1% agus tha 0.2 % dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87% dhe na daoine ann am Pacho leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 21.6% dhe na dachannan.[8]
[deasaich] Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Pacho. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
[deasaich] Daoine Ainmeil
Chaochail Aquileo Parra Gómez (1825 - 1900), ceann-suidhe na dùthcha eadar 1876 agus 1878, ann am Pacho.