Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
Fiosrachadh
Stèidheachadh 1909
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Deamocrasaidh-sòisealta
Aonaidhean-ciùird
Aonachas
Sòisealas deamocratach
Oifisean John Smith House, 145 West Regent Street, Glaschu, G2 4RE, Alba
Cathraiche Iain Grey
Suidheachain Dùn Èideann: 46
Lunnainn: 258 15
A' Bhruiseal: 2
Riaghaltas Às an Riaghaltas

‘S e Pàrtaidh Làbarach na h-Alba an t-ainm a tha air a’ Phàrtaidh Làbarach ann an Alba. Tha làmh an uachdair air a bhith aig a’ phàrtaidh seo ann an Alba fad mòran bhliadhna agus tha na Làbaraich Albannach air a bhith an sàs ag obair airson buaidh nam Làbarach air feadh na Rìoghachd bho na 60an, an dà chuid aig ìre na Breatainne agus aig ìre na Roinn Eòrpa (bho 1979), a bharrachd air Pàrlamaid na h-Alba cuideachd (bho 1999. Aig an àm sin tha dà sheat (dhe seachd) aca anns A' Bhruiseal, 46 (dhe 129) ann an Dùn Èideann agus 39 (dhe 59) ann an Lunnainn.

Chaidh am Pàrtaidh Làbarach fhèin a stèidheachadh ann an 1909, agus tha e air a bhith gu math soirbheachail anns na taghaidhean ann an Alba bho a thòisich e. Bha am pàrtaidhean sàs ann an iomairtean airson fèin-riaghlaidh mar bhall Co-chruinneachadh Nàiseanta na h-Alba còmhla ri Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba, Pàrtaidh Uaine na h-Alba, aonaidhean-ciùird agus eaglaisean, is rinn e iomairtean airson referendum na h-Alba ann an 1997. Sheas am pàrtaidh aig a’ chiad taghaidhean do Phàrlamaid na h-Alba ann an 1999 le Dòmhnall Mac an Deòir os a chionn. Chuir na Làbaraich ruaig air na Nàiseantaich agus Ailig Salmond le 56 seataichean (bho 129) ach cha d’ fhuair iad mòr-chuid iomlan is le sin b’ fheudar dhuibh co-bhann leis a’ Phàrtaidh Libearal Deamocratach a chruthachadh. Mar sin, chaidh Mac an Deòir ainmeachadh Prìomh-mhinistear air an 13mh latha dhen Chèitean 1999, aig an Lùchairt Taigh an Ròid, is chaidh Seula Mòr na h-Alba a thoirt dha.

Leig Mac an Deòir an dreuchd aige dheth fad trì mìosan ann an Cèitean 2000 air adhbharan a dhroch shlàinte. Dh'fhulang e sgaoileadh-fala na eanchainn ann an Dàmhair is bhàsaich e mu dheireadh thall.[1] B' fheudar do dh'Eanraig Mac Gill-Iosa, am fear-ionaid aig Mac an Deòir, an dreuchd a leigeil seachad cuideachd air an 8mh latha dhen t-Samhain 2001 air sàilleibh masladh ionmhasail mì-laghail a’ Phàrtaidh, is fhuair Seac MacConaill an dreachd an a dhèidh.[2]

Fhuair MacDhòmhnaill dubh chàineadh ri linne taghaidhean na h-Alba ann an 2007 ris nach do rinn e mòran anns a’ phàrtaidh aige, an coimeas ri Salmond, ceannard na Nàiseantaich. Leig e an dreuchd nuair a chaill na Làbaraich na taghaidhean. Chaidh Wendy Alexander ainmeachadh mar cheannard a’ phàrtaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba air an 17mh latha dhen t-Sultain 2007. Ach aig deireadh na Samhna bha ise an sàs ann am masladh taobh tìodhlacan poileataigeach a’ Phàrtaidh bho Paul Green, duine beart a bha a’ fuireach ann an Jersey (Tha e mì-laghail tìodhlacan poileataigeach fhaighinn bho dhuine sam bith nach eil air a chlàradh air clàr luchd-bhòtaidh na Breatainne). A dh’aindeoin sin, chaidh i fhaighinn neo-chiontach ann an Gearran 2008.

B’ fheudar do dh’ Alexander a dreuchd aice a leigeil dheth air an 28mh latha dhen Ògmhios 2008, oir thuirt e gu robh i deiseil agus deònach airson referendum taobh neo-eisimeileachd na h-Alba. Chaidh Iain Grey, seann mhinistear gnothach na h-Alba, ainmeachadh ceannard a’ Phàrtaidh air a’ chiad latha dhen Lùnasadal. Chaidh fo-thaghadh a chumail ann an Gleann Rathais, Fìobha air an 13 latha dhen Lùnasdal oir chaochail ball-pàrlamaid Làbarach, Iain MacDhùghaill. Rinn Lindsay Roy, tagraiche nam Làbarach, a chùis an aghaidh Peadar Grannd airson na Nàiseantaich.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Pàrlamaid na h-Alba
  2. BBC

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]