Oware

O Uicipeid
Geama Oware à Camarun.

'S e geama ro-innleachd a tha ann an Oware a chaidh innleachadh le muinntir Akan.[1] Tha e 'na bhall de theaghlach nam geamannan Mancala agus tha e pailt air feadh Taobh Iar Afraga agus Muir nan Caraib. Tha ainmean eile air, a' gabhail a-steach Ayò (Yoruba), Awalé (Costa Ìbhri), Wari (Màili), Ouri, Ouril no Uril (An Ceap Uaine), Warri (Muir nan Caraib), Adji (Ewe), Nchọ (Igbo) agus Awélé (Ga).

Amasan a' gheama[deasaich | deasaich an tùs]

'S e amas a' gheama barrachd sìl a ghlacadh na ghlacas an duine eile. On nach eil ach 48 sìol sa gheama, nì e a' chùis ma ghlacas tu 25 dhiubh. On a tha àireamh chothrom de shìl ann, faodaidh an geama crìochnachadh mar gheama ionnanach nuair a bhios gach cluicheadair air 24 sìol a ghlacadh. Tha an geama seachad nuair a bhios cluicheadair air co-dhiù 25 sìol a ghlacadh no ma tha 24 sìol aig gach cluicheadair (geama ionnan). Ma dh'aontaicheas an dithis chluicheadair nach eil sa gheama tuilleadh ach cearcall gun chrìoch, glacaidh gach cluicheadair na tha de shìl air an taobh aige fhèin dhen bhòrd.

Geama 'ga chluich
Oware Akan

Aig toiseach a' gheama, thèid ceithir sìl a chur anns gach taigh. Gluaisidh na cluicheadairean sìol fear mu seach. Anns gach cuairt, taghaidh cluicheadair on dhe na sia taighean fo a smachd. Togaidh an cluicheadair na h-uile sìol bhon taigh seo is sgaoilidh e iad, a' cur fear anns gach taigh gu tuathal on taigh tùsail; canar "cur nan sìol" ri seo. Cha tèid sìol a chur sna dachaighean no san taigh on a chaidh a thogail. 'S e seo gum mair an taigh tòiseachaidh falamh; nan robh 12 shìol air a bhith ann, rachadh leum thairis air is an deicheamh sìol deug a chur san ath thaigh. Nuair a bhios cuairt deiseil, ma chaidh an sìol mu dheireadh a chur ann an taigh an duine eile is dà no trì sìl ann an uair sin, thèid a h-uile sìol seo a ghlacadh is a chur ann an dachaigh a' chluicheadair (no ris an dàrna taobh mur eil dachaigh air a' bhòrd). Ma tha dà no trì sìl san dàrna taigh mu dheireadh sa chaidh sìol a chur cuideachd, thèid an togail mar an ceudna is mar sin air adhart. Co-dhiù, nan robh gluasad a' togail na h-uile sìol aig an duine eile, cha tèid sìol sam bith a ghlacadh is mairidh na h-uile sìol air a' bhòrd ach an urrainn dhan duille eile leantainn air a' cluich. Tha an riaghailt seo ann a dh'aona ghnothach ach an urrainn don gheama a leantainn air adhart is bheir e ort gluasad eile a dhèanamh. Ma tha a h-uile taigh aig an duille eile falamh, feumaidh an cluicheadair gluasad a dhèanamh a bheir sìl dha. Mur eil a leithid gluasaid ann, glacaidh an cluicheadair gach sìol san roinn aige fhèin is seo crìoch a' gheama.

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  1. African Games of Strategy