One Flew Over The Cuckoo's Nest

O Uicipeid
One Flew Over the Cuckoo's Nest
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Ken Kesey
Bliadhna Foillseachaidh 1962
Cànan Beurla
Dùthaich Na Stàitean Aonaichte
Gnè-sgrìobhaidh Nobhail Sòisealta
Cuspair slàinte-inntinne
Suidhichte ionad slàinte-inntinne

Tha One Flew Over the Cuckoo's Nest na nobhail le Ken Kesey a bha air fhoillseachadh ann an 1962. Tha e suidhichte ann an ionad slàinte-inntinne ann an Aimearaga. Tha e ag innse sgeulachd a' phrìomh charactair, Randall P. McMurphy, fhad 's a tha e anns ann ionad agus a' sealltainn na buaidh a th' aige air na h-euslaintich eile anns an ionad. Tha an sgeulachd air a h-innse tro shùilean caractair eile, Chief Bromden. Bha fiolm air a stèidheachadh air an leabhar ann an 1975, air a stiùireadh le Milos Forman agus le Jack Nicholson a' cluiche Randall P. McMurphy. Shoirbhich gu mòr leis an fhiolm agus bhuannaich e còig Duaisean 'Oscar'.