Oisean

O Uicipeid
'Oisean a' seinn an òran mu dheireadh' le Nicolai Abraham Abildgaard

'S e caractar fionnsgeulach, bàrd agus gaisgeach Ceilteach a th' ann an Oisean (Ossian sa Bheurla). Bha e beò, a rèir beul-aithris, ann an 3mh linn, agus b' e mac Fhinn a bh' ann.

Bàrdachd Oisein[deasaich | deasaich an tùs]

'Oisean' le François Pascal Simon Gérard, 1801

Ann an 1760, chaidh an leabhar, Fragments of Ancient Poetry Collected in the Highlands of Scotland, fhoillseachadh - bha an t-eadar-theangair, Seumas Mac a' Phearsain, ag ràdh gur e seann bhàrdachd a bh' ann a chruinnich e air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan Siar. Dh'fhoillsich Mac a' Phearsain leabhraichean eile, oir bha 'Fragments of Ancient Poetry' glè shoirbheachail: Fionn: Seann Bhàrdachd Eipiceach (1763) agus ann an dà phàirt, Sgrìobhaidhean Oisein (1765). Sgaoil na leabhraichean gu luath air feadh na Roinn Eòrpa.

'S e Oisean fhèin an neach-aithris. Tha e seann, dall agus aonranach, agus tha e a' cuimhneachadh air na làithean a dh'aom, air cathan agus gnìomhan gaisgeil.

Buaidh Oisein[deasaich | deasaich an tùs]

'Aisling Oisein' le Jean Auguste Dominique Ingres, 1813

Bha na leabhraichean air leth soirbheachail agus chaidh bàrdachd Oisein eadar-theangachadh gu iomadach cànan. Chòrd Oisean gu mòr ri Thomas Jefferson, Napoleon Bonaparte agus Denis Diderot.

Litreachas[deasaich | deasaich an tùs]

Thug bàrdachd Oisein buaidh mhòr air a' Ghluasad Romansach, mar eisimpleir air a' bhàrd Johann Wolfgang von Goethe.

Sgrìobhadh a tha a' dèiligeadh ri cuspairean Oiseanach (taghadh):

  • Seumas HoggQueen Hynde (1825)
  • George Gordon, Lord Byron – 'The Death of Calmar and Orla' (1832)
  • William Wordsworth – “Written in a Blank Leaf of Macpherson´s Ossian” (1833)
  • Julius Zeyer – Ossianův návrat (1885)
  • William Butler YeatsThe Wanderings of Oisin (1889)

Ealain[deasaich | deasaich an tùs]

'Oisean a' cur fàilte air anman nan gaisgeach Frangach' le Anne-Louis Girodet-Trioson

Bha cuspairean Oiseanach pailte ann an dealbhadaireachd cuideachd: Oisein le François Pascal Simon Gérard, Aisling Oisein le Jean Auguste Dominique Ingres, dà dhealbh le Anne-Louis Girodet, Malvina le Ary Scheffer agus iomadach dealbh le neach-ealain Dànais, Nicolai Abilgaard, is mar sin air adhart.

Ceòl[deasaich | deasaich an tùs]

Rinn Jean-François Le Sueur opara air a' chuspair Oiseanach, Oisean, no na bàird (Ossian, ou Les Bardes, 1804). Chuir Franz Schubert iomadach dàin Oiseanach ri ceòl. Ann an 1829, thadhail Felix Mendelssohn air na h-Eileanan Siar agus sgrìobh e Innse Gall (Die Hebriden), a tha ainmeil mar 'Uamh Fhinn' (Die Fingalshöhle).

Connspaid[deasaich | deasaich an tùs]

Bha deasbad mòr ann mu Oisean agus dè cho fìrinneach 's a bha obair Mhic a' Phearsain: bha an Dotair Somhairle MacIain, mar eisimpleir, teagmhach mu bhàrdachd Oisein agus bha e airson nan sgrìobhaidhean tùsail fhaicinn. Tha Somhairle MacIain a' toirt iomraidh air bàrdachd Oisein ann an Turas a dh'Innse Gall (A Journey to the Western Islands of Scotland, 1775). An-diugh thathar den bheachd gun do sgrìobh Mac a' Phearsain fhèin tòrr den bàrdachd, ach gu bheil an obair aige stèidhichte air seann bhaileadan Gàidhlig. Mar sin, bha Mac a' Phearsain na roi-ruithear air luchd-cruinneachaidh seann bhàrdachd, a leithid Raibeart Burns agus Sir Ualtar Scott.[1] Ann an 1952, dh'fhoillsich Ruaraidh MacThòmais an leabhar The Gaelic Sources of MacPherson's "Ossian", anns a bheil e a' sgrùdadh nan tùsan Gàidhlig a bha Mac a' Phearsain a' cleachdadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Oisean”. Eachdraidh na h-Alba. e-storas. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2020.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]