Oilthigh Halle-Wittenberg
Susbaint |
Oilthigh Mhàrtainn-Lùtair Halle-Wittenberg
| Stèidhichte | 1502 (Wittenberg) agus 1694 (Halle) |
|---|---|
| Suidheachadh | Wittenberg (Sagsainn-Anhalt), Halle (Sagsainn-Anhalt), a' Ghearmailt |
| Oileanaich | ~19.000 |
| Làrach-lìn | http://www.uni-halle.de/ |
Is e oilthigh aosmhor Gearmailteach a tha ann an Oilthigh Mhàrtainn Lùtair Halle-Wittenberg (Martin-Luther-Universität Halle-Wittenberg sa’ Ghearmailtis, Martin-Luther-University of Halle-Wittenberg sa’ Bheurla). Tha e na laighe ann an Wittenberg agus ann an Halle-Saale ann an Sagsainn-Anhalt anns a' Ghearmailt. B’ àbhaist a bhith dà oilthigh ann a chaidh an cuir ri chèile ann an 1817.
Eachdraidh [deasaich]
'S e am pàirt den Oilthigh Wittenberg ris an canar “Leucorea” am fear as sine. Chaidh a stèidheachadh ann an 1502 le cuideachadh bho rìgh Frederic III. Bha e ceangailte ris a’ mhanachainn Augustineum. Thòisich iad air eòlas-lagha, eòlas-diadhachd agus eòlas-leighis a theagasg. Bho 1508 bha Màrtainn Lùtair ag obair an seo. Bha Melanchthon na àrd-ollamh airson cànan Greugais. Anns an 16mh linn bha an t-Oilthigh Wittenberg cliùiteach airson rannsachaidh chreideimh.
Ach nuair a ràinig Napoleon Sagsainn ann an 1813, dhùin e an t-oilthigh. An uair sin dh’ imrich Oilthigh Wittenberg gu Halle.
Ach bha Oilthigh Halle an-seo mar thà, fear a chaidh a stèidheachadh ann an 1694. Ann an 1817 chaidh an dà oilthigh a chuir ri chèile mar Vereinigte Friedrichs-Universität Halle-Wittenberg. Is e sin as adhbhar gu bheil dà dealbh aig an oilthigh. Dh’atharraich an t-ainm a-rithist gu Martin-Luther-Universität Halle-Wittenberg ann an 1933.
An-diugh tha ionad airson eachdraich an Ath-Leasachaidh ann, ionad airson Cànan agus Dualchas na Gearmailt, agus ionad airson rannsachadh mu na Stàitean Aonaichte.
Daoine cudthromach [deasaich]
Daoine cudthromach ann an Oilthigh Wittenberg
Àrd-ollaimhcudthromach ann an Oilthigh Halle-Wittenberg:
- Emil Adolf von Behring, (1854-1917), fhuair e Duais Nobel 1901 airson eòlas-leighis
- Gustav Hertz, (1887-1975), fhuair e Duais Nobel nàdar- fheallsanachd ann an 1925
- Karl Ziegler, (1898-1973), fhuair e Duais Nobel ceimigeachd ann an 1963
Oileanaich cudthromach ann an Oilthigh Halle-Wittenberg:
- Georg Friedrich Händel, (1685-1759), neach-ciùil
- Clemens Brentano, (1778-1842), bàrd ainmeil anns a’ Ghearmailt
- Joseph Freiherr von Eichendorff, (1788 - 1857), bàrd agus sgrìobhadair ainmeil anns a’ Ghearmailt
Ceanglaichean a-muigh [deasaich]
- Duilleag Oifigeil Oilthigh Màrtainn-Lùtair Halle Wittenberg, anns a' Bheurla
- Duilleag oifigeil nan oileanaich, anns a' Bheurla
- ZUSAS, anns a’ Bheurla
- Ionad Rannsachaidh Wittenberg, anns a’ Bheurla
- Duilleag oifigeal Leurorea Wittenberg, anns a' Ghearmailtis
- Liosta nan Àrd-Ollaimh
Aistean co-cheangailte [deasaich]
| deasaich Oilthighean Aosmhor anns a' Ghearmailt | |
|---|---|
| Oilthigh Chologne | Oilthigh Erfurt | Oilthigh Halle-Wittenberg | Oilthigh Heidelberg | Oilthigh Leipzig | Oilthigh Rostock | Oilthigh Tübingen | |