Oilthigh Chologne
Susbaint |
Oilthigh Chologne
| Stèidhichte | 1388 |
|---|---|
| Suidheachadh | Köln, a' Ghearmailt |
| Oileanaich | 45.606 (2012/13) |
| Làrach-lìn | http://www.uni-koeln.de/ |
Is e an t-oilthigh as motha anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Chologne (Universität zu Köln ‘sa Ghearmailtis, University of Cologne ‘sa Bheurla). Tha e suidhichte ann an Köln ann an Nordrhein-Westfalen ann an taobh an Iar na Gearmailt.
Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an 1388 anns an Iompaireachd Naoimh nan Ròmanach, anns an dùthaich ris an canar a’ Ghearmailt an-diugh. Mar a b’ àbhaist aig an àm seo bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd. Ach chaidh a dhùnadh ann an 1798, nuair a ràinig Napoleon a’ Ghearmailt.
Airson bliadhnaichean bha muinntir Köln ag iarradh an oilthigh air ais. Mu dheireadh thall dh’fhosgail an Oilthigh a-rithist ann an 1919 le cuideachadh bho Konrad Adenauer. An-diugh tha Oilthigh Chologne ball den Deutsche Forschungsgemeinschaft, comann den oilthighean Gearmailteach a tha a’ dèanamh rannsachadh. Tha nas motha na 200 cuspairean eadar-dhealaichte ann airson nan oileanach. Tha an t-oilthigh ceangailte cuideachd le 16 oilthighean eile air feadh an t-Saoghal.
Daoine cudthromach anns an Oilthigh Chologne[deasaich]
- Heinrich Freiherr von Huyssen (1666- 1739), neach-rèite a bha ag obair airson Peter I the Great às an Ruis
- Kurt Alder, (1902 -1958), fhuair e Duais Nobel Ceimigeachd ann an 1950 còmhla ri Otto Paul Herrmann Diels
- Karl-Heinz Lauterjung, (1914 -2000) neach nàdar-fheallsanachd animeil anns a’ Ghearmailt
- Peter Mittelstaedt, (*1929), neach nàdar-fheallsanachd animeil anns a’ Ghearmailt
- Dr. Karolos Papoulias, (*1929), ceannard Greugach an-diugh
- Amos Grunebaum (*1950), dotair eòlas-leighis, tha e ainmeil anns na Staitean Aonaichte airson "maternal-fetal medicine" agus "high-risk pregnancy".
Ceanglaichean a-muigh[deasaich]
- Duilleag oifigeal Oilthigh Chologne anns a' Bheurla
- Website of the University of Cologne's International Master of Environmental Sciences (IMES): Masters of Science programme anns a' Bheurla
- Erich Meuthen: Eachdraidh Oilthigh Chologne
- University of Cologne for foreign students on iAgora - Reviews by former Erasmus and other international students in Cologne
Aistean co-cheangailte[deasaich]
| deasaich Oilthighean Aosmhòr anns a' Ghearmailt | |
|---|---|
| Oilthigh Chologne | Oilthigh Erfurt | Oilthigh Halle-Wittenberg | Oilthigh Heidelberg | Oilthigh Leipzig | Oilthigh Rostock | Oilthigh Tübingen | |