Niwica
O Uicipeid
| Niwica Zibelle |
|
| [[Image: |300x300px]] | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | |
| Sgìre | |
| Co-chomharran | 51° 34 55' Tuath 14° 50′ 35 Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | mu 400 () |
| Àireamh fòn | +48 68 |
‘S e baile beag air an àirde an iar na Pòlainn a th’ ann an Niwica (IPA: niˈvitsa, Gearmailtis: Zibelle, Sòrbais: Cybalin). ‘S ann às an t-seann slàbhais Cebulja (Gàidhlig: Uinnean) leis an deireadh Sòrbais –in a thàinig seann ainm a’ bhaile[1] is chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1478 mar Tzebelle. Cha d’ fhuair e ainm Pòlais ach an dèidh an Dàrna Cogadh. Tha e suidhichte faisg air na crìochan leis A’ Ghearmailt, eadar Mieszków agus Chwaliszowice, ri taobh an Lochan (Pòlais: Staw) Niwica Dolna, anns an roinn Lubuskie. Tha am baile 429km air falbh bho Warsaw (Prìomh-bhaile na dùthcha), 394km bho Kraków, 320km bho Łódź agus 173km bho Phoznań.[2] Tha dìreach mu 400 duine a' fuireach anns a’ bhaile.
Daoine ainmeil [deasaich]
- Chaochail an Ceimeagair Walther Hermann Nernst (1864 – 1941, Duais Nobel ann an Ceimeagachd 1914) an seo.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Paul Kühnel: Die slavischen Orts- und Flurnamen der Oberlausitz. Zentralantiquariat der Deutschen Demokratischen Republik, Leipzig 1982, S. 98 (Fotomechanischer Nachdruck der Originalausgabe (1891–1899)).
- ↑ Tip to Globe