Niţchidorf

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Niţchidorf
Nitchidorf Timis.png
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Romania.svg Romàinia
Ceàrn Coat of Banat.jpg Banat
Sgìre Timis county coat of arms.png Timiş
Co-chomharran 45° 35’ Tuath
21° 32′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 64.13 km²
Àireamh-shluaigh 1,570 (2007)
Dlùths 24.48/km²
Àireamh fòn 256

‘S e baile agus sgìre dùthchasail air an àirde an iar Romàinia a th’ann an Niţchidorf, (Gearmailtis: Nytzkydorf, Ungairis: Niczkyfalva). Tha e suidhichte aig 132m os cionn ìre na mara anns an t-siorramachd (Ròmainis: Judeţ) Timiş, anns an sgìre còmhnard rèidh ris an canar Banat, aig astar dhe dìreach 30km bho Thimişoara agus 381km bho Bhucuresţi, prìomh-bhaile na dùthcha.[1] Tha 1,570 daune a’ fuireach anns a’ bhaile. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1784 leis an Iarla Kristóf Nytzky.[2] ‘S e Gearmailtis an cànan a bha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Nitzkydorf gu ruige 1977, nuair a thoisich an deachdaire Nicolae Ceauşescu ri Gearmailtich a reic dhan Ghearmailt. ‘S e baile le mòr-chuid Romàinianach a th’ ann an latha an-diugh. Tha bun-sgoil, bùth a’ cheimigear, fiaclairean, dotairean, dotairean-caoraich, leabharlann agus trì eaglaisean anns a’ bhaile.[3] A bharrachd air Niţchidorf fhèin tha dà chlachain eile am broinn na sgìre, Blajova agus Duboz.

Daoine Ainmeil[deasaich | edit source]

Sluagh a’ bhaile[deasaich | edit source]

Atharrachaidhean Cinnidh ann an Nitzkydorf
Bliadhna Romàinianaich Gearmailtich Ungairich Roma Eile Gu Lèir
1880 1,015 1,803 19 N/A 24 2,861
1910 1,226 2,123 71 N/A 35 3,455
1941 1,035 2,078 29 N/A 15 3,157
1977 956 1,131 14 - 5 2,106
1992 1,411 59 21 - 64 1,555
2002 1,465 19 32 7 61 1,584

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Distance Calculator
  2. Comhairle Thimiş
  3. Comhairle Thimiş

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]