Naomh Adhamhnán

O Uicipeid
Naomh Adhamhnán
aba

679 - 704
Fáilbe mac Pípáin (en) Translate - Conamail mac Faílbi (en) Translate
Beatha
Breith Conntaidh Dhùn nan Gall, 624
Dùthaich  Poblachd na h-Èireann
Bàs Ì Chaluim Chille, 704
Teaghlach
Sinnsirean
Foghlam
Cànain Laideann
Gaeilge
Dreuchd
Dreuchd lagh-eòlaiche, sgrìobhadair eachdraidh nan naomh, bàrd, manach, sgrìobhadair agus ministear
Tèarmann
23 an t-Sultain
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
Òrd na Beinidictich

B' e aba ann an Ì Chaluim Chille (679–704) agus neach-lagha clèireachail a bha ann an Naomh Adhamhnán (627/8 – 704). Canar Saint Adamnan ris sa Bheurla, ach ann an Èirinn chithear cruth Beurla mar Saint Eunan cuideachd.

Chan eilear buileach cinnteach far an do rugadh e, ach canar cuid gum b' e Ráth Bhoth ann an Contae Dhún nan Gall an t-àite-breith aige. Ann an 679, thòisich e mar aba ann an Abaid Ì Chaluim Chille. B' e esan an naoidheamh aba an dèidh Chaluim Cille. Chaochail e ann an 704. Tha e na naomh ann an Èirinn agus Alba agus tha e na dhuine cudromach ann an eachdraidh an dà dhùthaich cuideachd. Dh'fhàs e ainmeil air sgàth 's na leabhraichean a sgrìobh e.

Na h-obraichean aige[deasaich | deasaich an tùs]

Abaid Ì Chaluim Chille

'S e "Vita Columbae" an leabhar as cudromaiche aige a bhios a' toirt seachad fiosrachadh mionaideach mu bheatha Calum Cille. Rinn e cruinneachadh mu àitichean naomh ann an "De Locis Sanctis".

Bha e an sàs gu mòr cuideachd gus lagh ùr a chur air bhonn ris an canar "Cáin Adomnáin", (Lagh Adomnán) no "lex innocentium" (Law of Innocents sa Bheurla) an-diugh. Bha Cáin Adomnáin a-mach air daoine a dhìon nach eil an sàs ann an cath. Chuir an lagh peanasan air marbhadh luchd clèireachail, clann no boireannaich; mar eisimpleir:

whoever slays a woman ... his right hand and his left foot shall be cut off before death, and then he shall die ...

Eadar-theangachaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Alan Orr Anderson, Marjorie Ogilvie Anderson (deas.): Adomnan's Life of Columba. Clarendon Press, Oxford 1991
  • Reeves, William, James Henthorn Todd (deas.). Vita Sancta Columbae: The life of St Columba founder of Hy, written by Adamnan, ninth Abbot of Iona. Dublin: Dublin University Press for the Irish Archaeological and Celtic Association, 1857. Ri fhaotainn aig CELT
  • Denis Meehan (deas.): Adamnan's De Locis Sanctis. The Dublin Institute for Advanced Studies, Dublin 1958 (Scriptores Latini Hiberniae. 3)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]