Nad Aislingean

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Anna Ròc

‘S e còmhlan-ciùil teacno/hip-hop a Neiptiùn a th’ ann an Nad Aislingean.

Anna Ròc: Is ise an seinneadair anns a' chòmhlan. Rugadh agus thogadh i ann an Neiptùin ach tha i a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach a-nis.

Illiqp't: An ceann Illbientological Research Laboratories ann an San Francisco, thachair e ri Anna nuair a bha i air turas dìomhair agus i a' sireadh nam builean troma airson toirt air ais dhan phlanaid aice.

J-Roc: Cuideachd a' fuireach ann an San Francisco agus e na eòlaiche ann an Rannsachadh Illbientological. Bidh e fhèin agus Illiqp't a' togail nam builean.

Tim Ceartas: Leth duine, leth inneal, rinn Anna ann an sead a h-athair e nuair a bha i òg agus i ag iarraidh càraid. Nis, bidh Tim a sgrìobhadh nan òran agus a' leigeil an t-srutha chruaidh.

Is iad a' chiad chòmhlan a-riamh a mheasg teacno agus rap ri chèile ann an òrain ùra Gàidhlig.

Clàraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  • 2005: Ceòl Gàidhlig mar Sgian nad Amhaich (Lasair san Adhar, òran air clàr-cruinneachaidh le Oi Polloi, Mill a h-Uile Rud agus Atomgevitter)
  • 2006: Gàidhlig na Lasair (Lasair san Adhar agus Pòg a-rithist Mi, dà òran air CD-cruinneachaidh le Oi Polloi, Mill a h-Uile Rud, Atomgevitter agus The Thing Upstairs)

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Làrach-lìn Nad Aislingean

Làrach-lìn Myspace Nad Aislingean

Gàidhlig na Lasair: Clàr ceòl ùr aiste anns an Scotsman.