NASA

O Uicipeid
Ìomhaigh NASA

'S e NASA (an National Aeronautics and Space Administration — An Rianachas Nàiseanta Adhar-eòlas agus Fànais), a' bhuidheann Ameireaganach le dleasdanas airson a' phrògraim phoblaich fànais agus rannsachadh ro-innleachdail ann an adhar-teicneòlas.

Bha mòran tionnsgnaidhean ainmeil aig NASA, a' gabhail a-staigh a' Phrògram Apollo, a chuir daoine air a' ghealach, an spàl-fànais, am prosbaig-fànais Hubble, agus na tionnsgnaidhean Ares (an soitheach dìridh) agus Orion (an soitheach shiubhail), a leasachas soitheach-fànais ùr an àite an spàl-fhànais a thèid a thaobh ann an 2010.

Tha prìomh-àros NASA ann an Washington, D.C.

Tha 16 ionadan eile aig NASA, air feadh nan Stàitean Aonaichte. Am measg nan ionad fànas, tha Marshall Space Flight Center ann an Alabama, far an tèid rocaidean a thogail; Kennedy Space Center, ann am Florida, an t-ionad deiridh, agus Johnson Space Center ann an Texas, far an tèid na speuradairean a dh'àrachadh.

Bithidh miseanan neo-dhaonna air an riaghlachadh aig an JPL (Jet Propulsion Laboratory), ann am Pasadena, California.

Is iad na h-ionadan rannsachaidh as cudromaiche:

  • Ames Research Center, ann am Moffett Field, California a nì rannsachadh air adhar-teicneòlas (leis an tunail-gaoithe a bu motha anns an t-saoghal), saidheans fànais, saidheans na beatha, agus teicneòlas fiosrachaidh
  • Goddard Space Flight Center, ann am Maryland: saidheans fànais agus saidealan
  • Langley Research Center, ann am Virginia agus Dryden Flight Research Center, ann an California: adhar-teicneòlas