Murt na h-Apainn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Thachair Murt na h-Apainn air 14 an Cèitean 1752 anns an Apainn. Chaidh Cailean Caimbeul à Gleann Iubhair (ris an canar "an Sionnach Ruadh"), a bha na sheumarlan do dh'oighreachdan arfuntaichte Chlann Stiùbhard aig an àm sin, a mharbhadh le snìpear. Chan eil fhios chun an latha an-diugh cò a loisg e, ach chaidh Seumas Stiùbhart (ris an canar "Seumas a' Ghlinne") a chrochadh mar phàirtiche, ged a bha e a' tagairt chun an deireadh gun robh e neo-chiontach. Chleachd Robert Louis Stevenson an tachartas anns an nobhail ainmeil Kidnapped aige.

Sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir marbhrann airson Cailean Caimbeul à Glean Iubhair, "Cumha Chailein Ghlinn Iubhair".

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]