Muileann Dhàibhidh
'S e baile ann an Comhairle Dhùn Bhreatainn an Ear a tha ann am Muileann Dhàibhidh (Beurla: Milngavie). [1] Tha am baile suidhichte air Abhainn Allander mu 6 mìltean air àird an iar-thuath Ghlaschu. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 56′ 28.83″ Tuath agus 4° 19′ 7.62″ Iar.
Anns a' bhliadhna 2001 bha 12,795 duine a' fuireach an seo.[2] Tha mòran daoine ann a tha a’ fuireach ann am Muileann Dhàibhidh ach ag obair ann an Glaschu.
Comhdhail [deasaich]
Rathad-Iarainn: Tha steisean rathad-iarainn Muileann Dhaibhaidh aig ceann a' thuath meur loidhne de na "Dealanaich Glaschu" a dhealachas bho Rathad-iarainn Gaidhealtachd an Iar aig Gobhal Westertoin. Gheibhear treanaichean dìreach bho Mhuileann Dhaibhidh gu Steisean Glaschu Sraid na Ban-righ.
Tha Slighe na Gàidhealtachd an Iar, frith-rathad astair, a tòiseachadh an seo. Tha liagan à eibhir ann am meadhan a’ bhaile a’ sealltainn tòiseachadh na slighe.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 552 745
- Làrach-lìn Mhuileann Dhàibhidh
- Muileann Dhàibhidh - West Highland Way
- Muileann Dhàibhidh aig Undiscoveredscotland