Mircean

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Mircean
Mircean(alaria esculenta).jpg
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Protista
Còmhlan Heterokontophyta
Buidheann Phaeophyceae
Òrdugh Laminariales
Teaghlach Alariaceae
Gnè Alaria
Seòrsa A. esculenta
Ainm saidheansail
Alaria esculenta (Linnaeus) Greville

'S e feamainn fhada a th' ann am mircean (alaria esculenta), a tha coltach ri crios.Gheibhear aig tràigh mhòr e, a chionn 's gum bi e a' fàs fada shìos ann am bonn a' chladaich.


Feumalachd [deasaich]

Bithear ga ithe amh ann an grunn àiteannan fhathast- mar Alba is Èirinn. 'S e an rud cruaidh suas a mheadhain air fhad a thathas ag ithe amh (cas dhubh), agus a-rèir coltais, tha e car duilich a chagnadh. Thathas a' toirt dheth na h-oirean tana (an rùsg), gan rùsgadh dheth air gach taobh. [1]

'S e seo an seòrsa feamainn Eòrpach as dlùithe ri wakame, a gheibhear ann an Iapan, Coirea agus Sìona. 'S e wakame an t-ainm Iapanais air. Canaidh "rùsg" ris na h-oirean tana, "cas dhubh" ris a' ghais, agus "duilleach" ri na buinneagan. 'S e mekabu an t-ainm a th' air buinneagan Wakame ann an Iapanais.

Iomraidhean [deasaich]

  1. Feum à Feamainn (DVD), Stòr-dàta Nàiseanta, Comhairle nan Eilean Siar.

Ceangal a-mach [deasaich]