Metro de Medellín
O Uicipeid
'S e siostam treànaichan cathaireil a th' ann am Metro de Medellín. 'S e an dàrna bhaile as motha ann an Coloimbia a th' ann Medellín. Chan e idir treànaichean fo thalamh a th' ann am metro de Medellín, ach loighne àrd air colbhan dhe crudhtan a th' ann. A bharrachd air sin, tha dà loighne chàball ann. Tha na càbaill, ris an canar metrocable a' frithealadh iomadh sgìrean bochda air iomall a' bhaile.
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Làrach-lìn oifigeil (Spàinntis)
- Fiosrachadh aig urbanrail.net (Beurla)