Meg Bateman

O Uicipeid
Meg Bateman
Beatha
Breith Dùn Èideann, 13 dhen Ghiblean 1959
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd eadar-theangair agus sgrìobhadair
Fastaichean Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Chill Rìmhinn
Gnè ealain bàrdachd

Tha Vivienne Mairead 'Meg' Bateman (13 an Giblean 1959[1]) na bana-bhàrd is neach-acadaimigeach.

Rugadh Bateman ann an Dùn Èideann. Rinn i ceum na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain is chrìochnaich i ollamhachd air bàrdachd chreidmheach Ghàidhlig. An uair sin, theagaisg i aig Oilthigh Dhùn Èideann is Oilthigh Obar Dheathain. Nochd a cuid bàrdachd ann an iomadh duanaire, mar eisimpleir Other Tongues (1990) agus Twenty of the Best (1990). Tha i air eadar-theangachadh bàrdachd Gàidhlig ann am Beurla ann an Anthology of Scottish Women Poets (1991) agus Creachadh na Clàrsaiche (1993). Chaidh a' chiad chruinneachadh le tionndaidhean Beurla aice fhoillseachadh ann an 1997, Aotramachd is dàin eile, a' dèiligeadh ri breòiteachd a' ghaoil is dhàimhean daonna. Tha i ag obair mar òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus mar phrìomh òraidiche urramach aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Bhuilich Oilthigh na Gàidhealtachd an tiotal “proifeasair” oirre ann an 2015.

Bàrdachd[deasaich | deasaich an tùs]

  • 1990. Orain Ghaoil
  • 1997. Aotromachd agus Dàin Eile
  • 2007. Soirbheas
  • 2013. Transparencies[2]

Sgeulachdan Goirid[deasaich | deasaich an tùs]

  • 2011. Chanadh Gun Do Chuir i Às Dha ann an SAORSA: sgeulachdan goirid Ùr-Sgeul Inbhir Nis: CLÀR, Ùr-Sgeul, 2011, dd.141-144.

Artaigilean Sgoilearach ann am Beurla[deasaich | deasaich an tùs]

  • Bateman, Meg 'The Bard and the Birlinn' ann an Camille Dressler & D. W. Stiùbhart (deas.) Alexander MacDonald: Bard of the Gaelic Enlightenment / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Bàrd an t-Soillearachaidh Ghàidhealach Kershader, Isle of Lewis: Islands Book Trust, 2012, dd.74-84.

Leabhar ann am Beurla[deasaich | deasaich an tùs]

Meg Bateman and John Purser, ‘Window to the West: Culture and Environment in the Scottish Gàidhealtachd’, 2020, (pdf, 960td, 206MB)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Thomson, Derick S. 1994. The Companion to Gaelic Scotland (Glasgow: Gairm), 21.
  2. "Meg Bateman." Scottish Poetry Library. Scottish Poetry Library. 2014. Eadar-lìon. 30 Sept., 2014.