Mata Hari

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Matahari Paris 1910.jpg

B' e Dannsair agus Tè-bhuairidh ainmeil às Na Tìrean Ìsle a bh'ann am Mata Hari (fìor ainm: Margaretha Geertruida Zelle, Leeuwarden, 29 an Lùnasdal 1876 - Vincennes, 1 an Dùbhlachd 1917). Ghabhadh oirre gur e tè-bhràthaidh a bh'innte agus chuireadh gu bàs i le arm na Frainge ri linn A' Chogaidh Mhòir.

Teaghlach[deasaich | edit source]

Bhuinneadh Mata Hari do theaghlach meadhanach beairteach à Fyslân ann an ceann an tuath na dùthcha. Bha bùth aig athair agus rinn esan tòrr airgid tro a chuid inbheistidhean ann an gnothach an ola. Chaidh M'greet bheag gu sgoiltean prìobhaideach leis a dithis bhràthair. Gu dòrainneach, bhristeadh gnothaichean athar ann an 1898. Chaidh an ceòl air feadh na fidhle eadar a pàrantan agus sgar iad. Chaochail a màthair ann an 1891 agus phòs athair a-rithis le tè air an robh Susanna Catharina ten Hoove, ann an Amsterdam ann an 1893. Chaidh Margaretha gu taigh a goistidh, a bha na thàmh ann an Sneek, faisg air Leeuwarden. Rinn i trèanadh airson a bhith na neach-teagaisg ann an Leiden. Dh'fheuch ceannard na sgoile a bheadradh rithe agus dh'fhàg i an sgoil.

Pòsadh[deasaich | edit source]

Phòs i ri fear air an robh Rudolf MacLèoid ann an 1895, a bhuinneadh do sheann theaghlach ghàidhleach àrdanach uachdaranach a dh'fhàg Alba na linntean roimhe. 'S e oifigear an Airm thall ann An Innd-Innse, oir bha an dùthaich sin fhathast fo bhuaidh nan Tìrean Ìsle.

Bochdainn[deasaich | edit source]

Paris[deasaich | edit source]

Bàs[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]