Manuel Azaña Díaz

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Manuel Azaña Díaz

Ainm na Dùthcha Flag of the Second Spanish Republic.svg An Spàinn
Na Phrìomhaire 1 14 an Damhair 1931 gu 6 an t-Sultain 1933
Ro-Theachdaire Juan Bautista Aznar Cabañas
Neach-Ionlaid Alejandro Lerroux
Na Phrìomhaire 2 19 an Gearran 1936 gu 10 an Cèitean 1936
Ro-Theachdaire Manuel Portela Vallardes
Neach-Ionlaid Santiago Casares Quiroga
Na Cheann-suidhe 10 an Cèitean 1936 gu 3 am Màrt 1939
Ro-Theachdaire Niceto Alcalá Zamora
Neach-Ionlaid Francisco Franco Bahamonde
Pàrtaidh Esquerra Republiana de Catalunya
Ceann-Là Bhreithe 10 am Faoilleach 1880
Àite Bhreithe Alcalá de Henares
Ceann-Là a Bhàis 4 an t-Samhain 1940
Àite a Bhàis Montauban
Bean/Fear-Chèile María Dolores Rivas Cherif (19291940)
Creideamh Neo-dhiadhaireachd
Dreuchdan fear-lagha, fear-poileataigs

B’e Manuel Azaña Díaz (Alcalá de Henares, 10 am Faoilleach 1880 - Montauban, (An Fhraing, 4 an t-Samhain 1940) fear-lagha, fear-poileataigs agus sgrìobhadair às An Spàinn. ‘S e Ceann-suidhe Dàrna Poblachd na Spàinne a bh’ann bho 1936 gu 1939. Bha e na fhear-poileataigs agus na òraidaiche uabhasach cudromach, a-measg an fheadhainn na b’fheàrr na Spàinne san 20mh Linn co-dhiù, a bharrachd air a bhith gu math cliùiteach mar sgrìobhadair agus mar fhear-aithris cuideachd. Choisinn e an Duais Nàiseanta an Litreachais (Spàinntis: Premio Nacional de Literatura) ann an 1926 airson an leabhair La Vida de Juan Valera (Gàidhlig: Beatha Juan Valera), ach ‘s e pìos dhràma La Velada en Benicarló (An Oidhche Bhàn am Benicarló), mu dheidhinn na Spàinne tro na 30an a th’ann an obair na b’ainmeile a sgrìobh e. ‘S e fear dhe na tobraichean eachdraidheil as fheàrr gus an linn sin a thuigsinn a th’ann an leabhar-latha aige.

Teaghlach[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann an Alcalá de Henares, faisg air Madrid, ann an 1880. ‘S e an treas mac dhe ceathrear a bha aig Esteban Azaña Catarinéu agus María Josefina Díaz-Gallo Muguruza a bh’ann. A bharrachd air a bhith na Phròbhaist, bha athair Mhanuel cuideachd na nòtaire agus na chlèireach, a sgrìobh leabhar eachdraidheil mu dheidhinn a’ bhaile, Historia de Alcalá de Henares (Eachdraidh Alcalá de Henares), ann an 1882. ‘S e luchd-malairt beairteach à Escalada, faisg air Burgos, a bh’ann teaghlach a mhàthar. Dh’eug a phàrantan gu math òg agus thug bràthair athar buaidh mhòr airsan, gu seachd àraidh taobh sgoilearachd is foghlam. Thug e ceum ann an Lagh bho Oilthigh Zaragoza, ann an 1898 agus fhuair e Dotaireachd ann an Lagh bho Oilthigh Central, ann am Madrid, ann an 1900. Bha e na oileanach san Oilthigh Pharis cuideachd, ann an 1911. Phòs e ri María Dolores Rivas Cherif, piuthar a dheagh charaid Cipriano Rivas Cherif, ann an 1929.

Litreachas[deasaich | deasaich an tùs]

Thoisich Azaña ri sgrìobhadh ann an 1897, nuair a steidhich agus dheasaich e is a chuid charaidean iris air an robh Brisa del Henares (Oiteag an Henares). Bho 1901, sgrìobhadh e mu dheidhinn an Litreachais agus dràma san iris Gente Vieja (Daoine Aosmhor) ann am Madrid, fon ainm Salvador Rodrigo. Ann an 1903, b’ fheudar dha thilleadh gu Alcalá de Henares air adhbharan pearsanta, far an do sgrìobh e an nobhail La Vocación de Jerónimo Garcés (An Gairm aig Jerónimo Garcés) a thuilleadh air aithrisean san iris ionadail La Avispa (An Speach). Ann an 1911 sgrìobh e aithis neo dhà ann La Correspondencia Española (Co-sgrìobhachadh na Spàinne) an aghaidh Phío Baroja agus an ginleach dham bhuineadh e, leis nach robh iadsan idir airson a bhith an sàs ann an iomairt phoileatagach gus an Dùthaich a leasachadh. Ann an 1920 steidhich e agus a charaid Rivas Cherif an iris litreachail La Pluma (Am Peann) agus ann an 1923 fhuair e cuireadh gus seann iris eile, air an robh España (An Spàinn), ath-bheòthachadh. Sgrìobh e La Vida de Juan Valera (Beatha Juan Valera) ann an 1926, a bhuannaich Duais Nàiseanta an Litreachais agus ann an 1927 dh’fhoillsich e El Jardín de los Frailes (Garradh nam Manach). Sgrìobh e pìos dhràma ann an 1929, air an robh La Corona (An Crùn). Deasbadadh e suidheachach na Spàinne tron obair aige. Ann an 1937 dheasaich e Cuaderno de La Pobleta. Memorias Políticas y de Guerra (Leabhar-latha Pobleta. Cuimhneachan poileataigeach a’ chogaidh) agus pìos Dhràma eile, La Velada en Benicarló (An Oidhche Bhàn am Benicarló), ri linn a’ Chogaidh Shìobhalta.

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Ged an do bhuineadh e do theaghlach nach b’e idir bochd, bha uidh mhòr aig Azaña ann an ceartas sòisealta bho chionn fhada air sgàth ‘s gun d’fhuair e deagh oicheachaidh bho bhràthair a mhàthar, Félix Díaz Gallo. Leughadh e mòran mu dheidhinn poileataigs na Frainge agus Shasainn na òganach cuideachd. Ann an 1900 fhuair e ballrachd Ateneo de Madrid, club deasbad le freumhan ann an saoghal beachd-smuainealas libearalach na Frainge, bho àm an t-Soillseachaidh, aig deireadh an 18mh Linn. Thoisich e ri òraidean poileataigeach a dheànamh is e airson ceartas sòisealta a bhrosnachadh tro Shòisealachd san dùthaich aige fhèin.

Slàinnte agus Bàs[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail Azaña thall thairis na fhògarrach ann an campa ann an taobh a deas na Frainge, nuair a bha e dìreach 60 bliadhna a dh’aois. Chan fhaodadh dhàsan a dhol air bàta gu ruige Meagsago ron an Dàrna Cogaidh air sàilleabh cho tinn ‘s a bha e, agus le sin bha e fhathast san Fhraing nuair a thug na Nàsach ionnsaigh air an dùthaich sin as t-samhradh 1940. Dh’iarr na Faiseataich Spàinnteach ceart ga thoirt air ais gu ruige na Spàinne Azaña, nuair a chuir an Gestapo an greim e. Bhàsaich e le tinneas cridhe agus an cnatan mòr ann am Montauban, air an 4mh latha dhen Shamhain 1940.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]