Manachainn Rois
| Manachainn Rois | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | Alba |
| Ceàrn | Ros an Ear |
| Sgìre | Comhairle na Gàidhealtachd |
| Co-chomharran | 57° 46′ 0.26″ Tuath 3° 57′ 23.83″ Iar |
| Comharradh-clèithe | NH837769 |
| Feartan fiosaigeach | |
'S e clachan air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Manachainn Rois (Beurla: Fearn). Tha e suidhichte mu dà mhìle san àirde an iar-thuath Baile an Todhair ann an Taobh Sear Rois. Dìreach san ear-thuath tha Baile an Droma. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 46′ 0.26″ Tuath agus 3° 57′ 23.83″ Iar.
Nochd ainm a' bhaile mar Nova Farina ann an Laideann. [1] agus a-rèir Dwelly chleachd muinntir an àite fhèin an t-ainm "a' Mhanachainn". [2]
Chaidh abaid a stèidheachadh deas air Caolas Dhòrnaich eadar Drochaid a' Bhanna agus Eadardan ann an 1225 le Fearchar, ciad Iarla Rois. Ach air sgàth 's nach robh am fearann torrach gu leòr an seo, fhuair muinntir na h-Eaglaise cead oifigeil airson an abaid ath-thogail a-rithist ann an 1238 ann am Manachainn Rois far a bheil i gus an latha an-diugh. Tron na bliadhnaichean dh' fhàs clachan beag timcheall na h-abaide. Ann an 1742 bha tubaist ann, thuit mullach na h-abaide sìos am broinn na h-eaglaise. Chaidh mu 50 duine a mharbhadh, ach ann an 1771 bhathar a chàradh an abaid a-rithist.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 48
- ↑ Faclair Dwellys
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Am baile - Abaid Mhanachainn Rois (Gàidhlig)
- Gazetteer for Scotland - Manachainn Rois (Beurla)
- Undiscovered Scotland - Abaid Mhanachainn Rois (Beurla)