MacBheatha na h-Alba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Mac Bethad mac Findlaích
Macbeth of Scotland.jpg Coats of arms of None.svg
Dealbh Seula
Fiosrachadh
Tiotal Àrd Rìgh na h-Alba
Rìoghachadh 14 den Lùnasdal 1040 chun an 15 den Lùnasdal 1057
Ro-theachdaiche Donnchadh I
Neach-ionlaid Lulach
Uachdaranachd Siol Ailpein
Companaich Gruoch ingen Boite

Mac Bethad mac Findláich, no 'sa Bheurla Macbeth, b. 1005 - 1057 .

Àrd Rìgh na h-Alba bho'n 14 den Lùnasdal 1040 chun an 15 den Lùnasdal 1057. Tha 'Mac Bethad' ann an Sean Ghaeilge a ciallachadh 'Mac a Bheatha' le ciall ruideigin coltach ri 'Fear a Choisrig.'

'Se mac Fionnlagh ( Findláech mac Ruaidrí ) , Rìgh Moireibh, a bh'ann an MacBeatha agus 'se Rìgh Maol Chaluim II an seanair aige. Oir gun phòs Fionnlagh nighean Mhaoil Chaluim (Dabhdha no gu tric 'sa Laideann 'Dovda' ) thionnaidh a theaghlach fhèin na aghaidh agus mu dheireadh mharbh na mic-bràthair aige ; Gilla Coemhgáin agus Maol Chaluim.

Bhàsaich Maol Chalum ann an 1029 agus sheas Gilla Coemgáin mar Rìgh as a dheidh. Bhàsaich easan eadar 1031 agus 1032 a' sabaid an aghaidh Àrd Rìgh Maol Chaluim II. An deidh seo lean MacBheatha a cho-ogha mar Rìgh Mhoireibh agus phòs e banntrach Gilla Coemgáin, a Bhana-Phrionnsa Gruoch, agus i fhèin na ogha Àrd Rìgh Coinneach III. Bha mac aig Gruoch bhon a chiad duine aice, Lulach, agus sheas MacBheatha mar leas-athair ris.

Tha an Asgair Shassanach ag innis dhuinn gur e MacBheatha aon de trì rìghrean Albannach a ghèill ri cumhachd Cnud Mhòr ( gu tric "Cnut" no "Cannute" ) , Rìgh nan Lochlannaich agus Rìgh Shasainn, an Danmhairg agus an Nirribhidh, anns a bhliadhna 1031.

Aig an àm seo cha robh riaghaltas cumhachdach no aonta ceart ann an Alba eadar na h-Uaislean agus Rìghrean. 'Se 'Mormaer' an t-ainm a bh' air na Rìghrean beag fo'n Àrd Rìgh.

Bha Maol-Chaluim II airson an ogha aige, Donnchadh, mac a nighean Beathag (Bethoc), a bha air pòsadh Crinan, Mormhaor agus Aba Dùn Chailleann, seasamh mar Àrd Rìgh as a dheidh. Tha e coltach gu robh seo is coireach gur e Beathag an nighean a b' fhearr leis air a no airson adhbhar poiliticeach.

Mus do bhàsaich e rinn Maol Chaluim II oidhirp neach sam bith a bha air thoiseach air Donnchadh mar tàinistear a mharbhadh. Cha d'fhuair gin air falbh ach Lulach - aig an t-àm na leanabh òg agus le feadhainn ag ràdh (gu fìrinneach ) gun robh e na ghloic. Chuidich dìon MacBheatha agus chuidich an inbhe aige fhèin mar an duine aig ogha sean Rìgh agus a mac an dleas aigesan ris an cathair-rìgh. Le bàs Maol-Calum air an 25 den t-Samhain, 1034, ghabh Donnchadh aite mar Àrd Rìgh.

Airson fiadhachadh an aghaidh Donnchadh thoisich MacBheatha càirdeas le Thorfinn, Iarla Arcaibh, co-ogha ris fhèin agus Donnchadh agus ogha Maol-Chaluim II tron an nighean as òige aige. Chaidh an dithis aca a chogadh an aghaidh Donnchadh agus bhàsaich e am blàr faisg air Eilginn air an 14 den Lùnasdal, 1040.

'Se Rìgh làidir a bh'ann an MacBeatha agus e a riaghladh tarsainn air Rìoghachd sheasmhach gu leòr airson dha mìosan a chuir seachad a dhol gu taisgealachd san Roimh. Sgrìobh e laghan ùr airson Alba agus 'se àm piseach a bh' ann.

An 1054 thoisich Maol-Chaluim Chean-Mhòr, mac Donnchadh, ag iomairt airson greim fhaighean air an cathair-rìgh le cuideachadh bho Siward, Iarla Northumbria, le smachd fhaighean air taobh a deas Alba. Bhàsaich MacBheatha a' sabaid saighdearan Maol-Chaluim aig blàr faisg air Lumphanan agus an deidh sin chaidh an cathair-rìgh gu Lulach san Lùnasdal, 1057.

Tha MacBheatha air a thìodhlaiceadh air Eilean I, an eilean tradiseanta airson uaighean na Àrd-Rìghrean aig nan Gaidheil agus nan Cruithnich agus an t-eilean is coisrigte anns an dùthaich.

Aistidhean Co-Cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]