‘S e baile mòr air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann am Maastricht (IPA: maːˈstrɪxt]). ‘S ann às an Laideann Mosiae Trajectum (Gàidhlig: Àite-coise nam Maas) a th'ann an t-ainm. Tha e suidhichte aig 64m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Meuse/Maas, anns an roinn Limburg, faisg air na crìochan leis A’ Ghearmailt, An Fhraing agus A' Bheilg. Tha am baile 167km air falbh bho Dhen Haag (Prìomh-bhaile na dùthcha), 175km bho Amsterdam, 142km bho Utrecht. 89km bho Tilburg agus 270km bho Ghroningen.[2] Tha 121,164 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e an 19mh baile na dùthcha.[3] Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1976.[4] Tha am baile ainmeil air feadh na Roinn Eòrpa oir chaidh ainmean a chur gu Còrdadh Mhaastricht an seo ann an 1992.[5]
Daoine ainmeil [deasaich]
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Maastricht University
- ↑ The Treaty of Maastricht
- ↑ Stadt Koblenz
- ↑ Ville de Liège
Ceanglaichean a-mach [deasaich]