Mòinteach Raineach
'S e mòinteach bhog àrd ann an Loch Abar a th' anns a' Mhòintich Raineach. Tha i mu 50 mìle ceàrnagach agus i e na làighe air àird an iar Loch Raineach air a' Gàidhealtachd. Tha i clàraichte mar àite nàiseanta dualchais.[1]
Tha a' Mhòinteach Raineach ainmeil airson bheathaichean agus lùsan sònraichte, gu h-àraidh Roid Raineach (Laideann: Scheuchzeria palustris) a fhuair ainm bhon àite. Tha a' mòinteach a' cur dragh mòr air innleadairean a thogas rathaidean agus rathaidean-iarainn. Nuair a chaidh rathad-iarainn iar na h-Alba a thogail thairis air a' mhòintich, bha aca ris a thogail air làr de dh'fhiodh, freumhan agus mìltean de thunnaichean de thalamh agus luaithre.
Tha am mòr-rathad A82 a' dol tron Mhòintich Raineach eadar A' Chrìon Làraich agus An Gearasdan.
Far a bheil a' mòinteach an-diugh bha an èigheanach-shiubhail mu dheireadh ann am Breatainn aig deireadh na linn-deighe mu dheireadh. Air sgàth sin tha an talamh fhathast ag èirigh 2-3mm gach bliadhna.
Tùsan [deasaich]
- ↑ 92. Rannoch Moor, National Heritage Designations in Scotland. The Scottish Office. 1998.