Mìcheal Ruiseal

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Mìchael Ruiseal, Runaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachadh Fad-beatha

Tha Mìcheal Ruiseal (Beurla: Michael William Russell) (rugadh 9 an Lùnastal 1953) ’na neach-poileataigs de chuid Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha e ’na Bhall de Pàrlamaid na h-Alba, a’ riochdachadh Earra-Ghàidheal agus Bòd, agus tha e an-dràsta ’na Runaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachadh Fad-beatha. Tha companaidh telebhisein aige, Eala Bhàn, agus tha e air seachd leabhraichean a sgoìobhadh.

Tha e air a’ Ghàidhlig a ionnsachadh gu fileantachd. Tha e air taic mhór a thoirt don Ghàidhlig sa Phàrlamaid, gu h-àraid leis a’ chiad Bile na Gàidhlig ann an 2002. Ann an 2010, thug e seachad òraid sa Ghàidhlig ann an Comhairle na h-Eòrpa, a chiad uair a chaidh sin a dhèanamh.[1][2]

Ann an 2009 thug e seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. (9 May 2010) European Council landmark for Gaelic. BBC News. A' tarraing air 2012-05-02. 
  2. (11 May 2010) Mike Russell addresses EU meeting in Gaelic. BBC News. A' tarraing air 2012-05-02. 

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]