Màiri nighean Alasdair Ruaidh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha Màiri Nighean Alasdair Ruaidh (c.1615 - c.1707) ainmeil mar bhàrd Ghàidhealach an seachdamh linn deug.[1]

A Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil cinnt càite an do rugadh no an do thogadh Màiri Nighean Alasdair Ruaidh (c.1600), no Màiri NicLeòid, ach bha ceanglaichean aice ris na Leòdaich anns an Eilean Sgitheanach agus anns na Hearadh agus tha e coltach gun do chuir i seachad a beatha eadar an dà àite. Bidh feadhainn den bheachd gun do rugadh i ann an Ròghadal, Hearadh, agus feadhainn eile gur e ban Sgitheanach a bh' innte.[2]

Bha Màiri na banaltram ann an taigh MhicLeòid Dhùn Bheagain agus dh'altruim i còignear cheann-cinnidh Leòdach. Chan ann mu na Leòdaich a tha an dàn as tràithe a th' againn bhuaipe, ge-tà, ach mu fhear de chlann Choinnich na Comraich, a bha cuideachd air altruim aig Màiri. Chaidh an dàn sin a dhèanamh ann an 1646 agus chan eil an còrr de bhàrdachd Màiri againn gu 1671, nuair a fhuair Iain Garbh Ratharsaigh bàs agus a rinn i marbhrann dha.

Tha beul-aithris ag innse gun deach Màiri agus fear de chinn-chinnidh nan Leòdach a-mach air a chèile agus gun robh i air a cur a dh'Eilean Scarbaigh, faisg air Diùraidh agus air Coire Bhreacain, mar pheanas. Chan eil e air innse ge-tà dè an eucoir a rinn i ach tha cuid a' cumail a-mach gun robh i dh'fhaoite a' moladh Sir Tormod Bheàrnaraigh cus, no nach robhar ga mheas iomchaidh gum biodh boireannach a' dèanamh bàrdachd-mholaidh mar a bha Màiri. Tha beul-aithris cuideachd ag innse gun robh Màiri air a tìodhlaigeadh beul-fodha, mar a bha na Lochlannaich a' tìodhlaigeadh bhuidsichean. Tha an aon sgeulachd ann an Eilean Mhuile mun a' bhana-bhàrd Maighrearad Nighean Lachlainn.

A Bàrdachd[deasaich | deasaich an tùs]

A-measg nan dàn as ainmeile aig Màiri tha:

  • An Crònan
  • An Tuireadh
  • Ri Fuaim an Taibh
  • Luinneag MhicLeòid
  • Cumha do Shir Tormod
  • Marbhrann do Shir Tormod
  • An Talla am bu ghnàth le MacLeòid
  • Marbhrann do Fhear na Comraich
  • Marbhrann do Iain Garbh

Seo earrann dhen Marbhrann do Shir Tormod:

Dh'fhalbh mo shòlas:
Marbh mo Leòdach
Calma cròdha
Meanmach ròghlic;
Dhearbh mo sgeòil-sa
Seanchas eòlais
Gun chearb foghlaim:
Dealbhach ròghlan t-èagasg.[3]

Tha ritheam gu math làidir ann am bàrdachd Màiri agus a-rèir beul-aithris 's i cuideachd a rinn grunn òran-luaidh a th' air an cruinneachadh anns an leabhar 'The Gaelic Songs of Mary MacLeod'.

Chan eil cinnt cuid a bhàsaich Màiri. Rinn fear de Chlann 'IcRuimein, pìobairean MhicLeòid Dhùn Bheagain, cumha-pìobaireachd dhith.

Clàr-leabhar[deasaich | deasaich an tùs]

  • Ruairidh MacThòmais. An Introduction to Gaelic Poetry. Dùn Èideann, 1990.
  • Uilleam MacBhàtair. Bàrdachd Ghàidhlig. An Comunn Gaidhealach, 1976.
  • Gaelic Songs of Mary MacLeod. Scottish Gaelic Texts Society, 1982.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Thomson, Derick S. (1994). The Companion to Gaelic Scotland Glasgow: Gairm, 193
  2. http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/mairi_nicleoid_mairi_nighean_alasdair_ruaidh/?lang=gd
  3. http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/mairi_nicleoid_mairi_nighean_alasdair_ruaidh/?lang=gd

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]