Lurg Mhòr

O Uicipeid
Lurg Mhòr

Lurg Mhor bho Bidean a' Choire Sheasgaich
Àirde (m) 986
Àirde (tr) 3235
Àirde rinneach (m) 441
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Lurg Mhòr is located in Alba
Lurg Mhòr
Lurg Mhòr (Alba)
Suidheachadh Frìth Mhonar
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Comharradh-clèithe NH064404

'S e beinn ann an Frìth Mhonar air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Lurg Mhòr. Tha i 986 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte ann an àite air leth iomallach eadar Atadal agus Loch Monar dìreach os cionn Loch Calavie. Thathar ag ràdh gur e aon de na Beanntan Rothaich as iomallaiche a th' ann.

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Gheibhear thuice bho Achadh na Seileach, bho Atadal no bho Chill Fhaolain, agus 's ann air an rothair a nì a' mhòrchuid de dhaoine pàirt den t-slighe. Bidh cuid a' campachadh faisg air a' bheinn agus a' tòiseachadh às ùr an ath latha. Bidh cuid ga cheangal le Bidean a' Choire Sheasgaich a tha dìreach mu 2km air falbh bhon mhullach. Gheibhear suas gu cofhurtail bho thaobh Loch Calavie dhan bhealach eadar an dà bheinn.[1].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Beinn Fhionnlaidh, beanntan Ghleann Afraig, Srath Farair agus Toirbheartan.

Sealbh[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann air Oighreachd Atadail a tha Lurg Mhòr agus Bidean a' Choire Sheasgaich[2].

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Lurg Mhòr air Walkhighlands
  2. Oighreachd Atadail

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]